Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh de John Allan is Iain Munro ann an Èideadh
EXTERNAL ID
PC_WD_PORTREE_003
ÀITE
N/A
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
30226
KEYWORDS
Maoir rannsachaidh a' Chogaidh
An dara Cogadh
Feachdan Armaichte
na Camshronaich
rèisimeidean
saighdearan
saighdear
Photograph of John Allan and Iain Munro in uniform

Seo dealbh de dh' Iain agus Iain Ailean Rothach ann an Èideadh nan Camshronach. Rinn sgoilearan Bhun-sgoil Phort Rìgh agallamh le banntrach is nighean Iain mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005.

'S ann à Port Rìgh a bha an dithis bhràthair agus bha iad le chèile anns na Camshronaich rè an dara Cogaidh. Chaidh Iain Ailean (air an taobh chlì) dhan arm an aghaidh toil a phàrantan nuair a bha e dìreach seachd bliadhna deug a dh'aois. Chaidh a mharbhadh ann an St Valery ceithir mìosan ron ochdamh co-latha-breith deug aige. Chaidh Iain a ghlacadh mar phrìosanach ann an taobh tuath na Frainge agus chaidh a chur dhan Ghearmailt far an robh e ann an campa phrìosanach cogaidh fad cha mhòr còig bliadhna

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh de John Allan is Iain Munro ann an Èideadh

Maoir rannsachaidh a' Chogaidh; An dara Cogadh; Feachdan Armaichte; na Camshronaich; rèisimeidean; saighdearan; saighdear

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (images)

Seo dealbh de dh' Iain agus Iain Ailean Rothach ann an Èideadh nan Camshronach. Rinn sgoilearan Bhun-sgoil Phort Rìgh agallamh le banntrach is nighean Iain mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005. <br /> <br /> 'S ann à Port Rìgh a bha an dithis bhràthair agus bha iad le chèile anns na Camshronaich rè an dara Cogaidh. Chaidh Iain Ailean (air an taobh chlì) dhan arm an aghaidh toil a phàrantan nuair a bha e dìreach seachd bliadhna deug a dh'aois. Chaidh a mharbhadh ann an St Valery ceithir mìosan ron ochdamh co-latha-breith deug aige. Chaidh Iain a ghlacadh mar phrìosanach ann an taobh tuath na Frainge agus chaidh a chur dhan Ghearmailt far an robh e ann an campa phrìosanach cogaidh fad cha mhòr còig bliadhna