Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bonn Iomairt Normandy
EXTERNAL ID
PC_WD_WS_007
ÀITE
Neo-iomchaidh
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
30234
KEYWORDS
Maoir rannsachaidh a' Chogaidh
An dara Cogadh
duais
duaisean
The Normandy Campaign Medal

Tha am bonn seo le Uilleam Shand. Rinn sgoilearan à Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Nàrann, agallamh còmhla ris mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005.

Is e Bonn Iomairt Normandy a th' ann. Tha e na bhonn cuimhneachaidh agus chaidh a bharantachadh le Comann Seann Saighdearan Normandy gus na daoine a ghabh pàirt ann an iomairt Normandy rè an dara Cogaidh a chomharrachadh. Cha bhi e air a thoirt do duine sam bith ach na daoine a ghabh pàirt ann an Iomairt Normandy eadar 6 Ògmhios agus 20 Lùnastal 1944, no na daoine as fhaisge an dàimh leotha.

Tha na leanas sgrìobhte air a' bhonn: 'Blessent mon coeur d'une langueur monotone'. Tha seo na loidhne bhon dàn aig Paul Verlain Chanson d'Automne, a chaidh a chleachdadh rè an dara Cogaidh mar chòd, ag innse do Résistance na Frainge gu robh ionnsaigh Normandy gus teachd.

Air 5 Ògmhios 1944, chaidh grunn teachdaireachdan pearsanta neo-àbhaisteach a chraoladh air a' BhBC. Cha robh ach beagan dhiubh cudromach. Beagan làithean ro D-Day, chuala oifigearan stiùiridh an Résistance a' chiad loidhne de dhàn Verlain: 'Les sanglots longs des violons de l'automne' ('caoineadh fada fhìdhlean as t-Foghair). Nuair a chuala iad an dara loidhne, bha fios aca gun tòiseachadh an ionnsaigh taobh a-staigh 48 uair. Bha an t-àm ann sabotàis a dhèanamh air an t-siostam conaltraidh air feadh na dùthcha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bonn Iomairt Normandy

1940an

Maoir rannsachaidh a' Chogaidh; An dara Cogadh; duais; duaisean

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (images)