Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bratach Swastica Gearmailteach
EXTERNAL ID
PC_WD_WS_026
ÀITE
Neo-iomchaidh
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
30242
KEYWORDS
Maoir rannsachaidh a' Chogaidh
An dara Cogadh
samhla
samhlaichean
Feachdan Armaichte
swastika
swastikathan
German swastika banner

Chaidh a' bhratach seo a thoirt far long Ghearmailteach rè an dara Cogaidh nuair a bha Uilleam Shand na sheòladair air an HMS Franklin.

Air a' bhratach, tha iolaire nan Nàsach le a sgiathan air an sìneadh a-mach is e na sheasamh air swastika taobh a-staigh blàth-fhleasg. A chionn 's gun do chleachd Hitler is na Nasaich an swastika mar an samhla, tha a' mhòr-chuid anns an iar den bheachd gu bheil e co-cheangailte ri olc is gràin.

Thaidhp na seòladairean Breatannach a ghlac a' bhratach beagan fiosrachaidh air a' bhrataich mun na thachair dhaibh rè a' chogaidh. Aig mullach na brataich, tha ainm na luinge aca (HMS Franklin) agus nuair a bha iad oirre (1944-45) sgrìobhte. Tha liosta ann cuideachd de na h-àiteachan far an robh iad rè an seirbheis: Arromanches, Le Havre, Ostend, Antwerp, Cuxhaven, Brunsbuttel, Cherbourg, Dieppe, Ternezen, Ghent, Flushing, Hamburg and Kiel.

B' e minesweeper clas Halcyon a bh' anns an HMS Franklin agus bha Rear Admiral Sir Edmund Irving an ceann na luinge. Sgrùd i calaidhean iar-thuath na h-Eòrpa às dèidh ionnsaighean Normandy.

Rinn sgoilearan à Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Nàrann, agallamh còmhla ri Uilleam Shand mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bratach Swastica Gearmailteach

1940an

Maoir rannsachaidh a' Chogaidh; An dara Cogadh; samhla; samhlaichean; Feachdan Armaichte; swastika; swastikathan

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (documents)