Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta na Gàidhealtachd, An Gearastan
EXTERNAL ID
PC_WELLS_POSTCARDS_118A
ÀITE
An Gearastan
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Michael Wells
AITHNEACHADH MAOINE
30287
KEYWORDS
Loch Abar
taighean-òsta
The Highland Hotel, Fort William

Dealbh camara de Thaigh-òsta na Gàidhealtachd,, roimhe seo Taigh-òst an Stèisein, ann am meadhan A' Gearastain.

'S e baile air an Linne Dhubh air an oithir an iar aig ceann a deas Canàl a' Chaledonian ann an sgàil Bheinn Nibheis a th' anns A' Ghearastan.

Bhruidhinn Pàrlamaid na h-Alba an toiseach ann an 1597 air baile a stèidheachadh ann an Loch Abar, ach 's ann ri linn Co-fhlaitheas Cromwell a thog an Seanailear Monk dùn ann eadar 1654 agus 1655. 'S e Inbhir Lòchaidh an t-ainm a bh' air an toiseach, agus bha gearastan de 2000 saighdear ann, a bharrachd air luchd-obrach, luchd-frithealaidh, mnathan agus clann a chaidh a dh'fhuireach ann am baile beag faisg air an dùn. An sin chaidh àireamhan am meud mean air mhean, a rèir Eachdraidh-beatha Sir Eòghainn Camshron Loch Iall, 'by the accession of others in desperate circumstances, whom the hopes of gain, and the security of living safe from the prosecutions of their defrauded creditors, allured from all parts of the kingdom' agus bho am measg a leithid de 'needy desparadoes' cha robh trioblaid sam bith aig an riaghaltas ann a bhith a' togail luchd-brathaidh.

An dèidh Ath-stèidheachadh a' Chrùin, thog an Seanailear MacAoidh dùn eile air an tug e ainm Rìgh Uilleim. Chaidh am baile ath-ainmeacheadh mar Bhorgh Màiri, an dèidh bean an rìgh, an àite Borgh Ghòrdain, an t-ainm a bh' air o thùs oir chaidh a thogail air fearann a bhuineadh do na Gòrdanaich. Chaidh a mhilleadh ri linn ar-a-mach 1745, agus gus am biodh e na b' fhasa an dùn a dhìon, chaidh a thogail a-rithist. Nuair a chaidh oighreachd nan Gòrdanach a reic do Shir Donnchadh Camshron, dh'fheuch e ri ainm a' bhaile atharrachadh gu Baile Dhonnchaidh, ach cha deach leis. B'e "An Gearasdan" a bh' aig muinntir an àite air riamh, agus b' e sin an t-ainm a mhair

Ann an 1884, reic Oifis a' Chogaidh an dùn ri Alasdair Caimbeul, fear Magh Eadh. Thug Achd Pàrlamaid air a' bhean aige an dùn a reic ann an 1889, gus àite a dhèanamh dhan rathad-iarainn a bhathar an dùil a thogail ann an taobh an iar na Gàidhealtachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta na Gàidhealtachd, An Gearastan

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

Loch Abar; taighean-òsta