Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Prìomh-sgoilearan Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn 1968-69
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_003_001
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30296
KEYWORDS
sgoilearan
clann-sgoile
prìomh-sgoilearan
àrd-sgoiltean
Allt a' Mhuilinn
Millburn Secondary School Prefects 1968-69

San dealbh seo chithear prìomh-sgoilearan aig Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn 1968-69. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Calum Pringle, Seumas Gòrdan, Peadar Bernardi, Seumas Olsen, Seòras MacMhathain, Seoc Gilham, Uilleam Murphy, Ailean Mac an Tòisich, Iain Aird, Ruairidh Morton is Aonghas Stiùbhart. Nan seasamh clì gu deas, ris an aghaidh, tha Ailean Dingwall, Iain MacDhòmhnaill, Calum MacDhòmhnaill, Mr Sharpe (Iar-cheannard), Mgr Iain MacMhathain (Ceannard), Scott Lyon, Mìcheal Tuach is Donnchadh MacLabhrainn.

'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. B' ann an 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an latha an-diugh.

An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Prìomh-sgoilearan Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn 1968-69

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

sgoilearan; clann-sgoile; prìomh-sgoilearan; àrd-sgoiltean; Allt a' Mhuilinn

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh seo chithear prìomh-sgoilearan aig Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn 1968-69. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Calum Pringle, Seumas Gòrdan, Peadar Bernardi, Seumas Olsen, Seòras MacMhathain, Seoc Gilham, Uilleam Murphy, Ailean Mac an Tòisich, Iain Aird, Ruairidh Morton is Aonghas Stiùbhart. Nan seasamh clì gu deas, ris an aghaidh, tha Ailean Dingwall, Iain MacDhòmhnaill, Calum MacDhòmhnaill, Mr Sharpe (Iar-cheannard), Mgr Iain MacMhathain (Ceannard), Scott Lyon, Mìcheal Tuach is Donnchadh MacLabhrainn.<br /> <br /> 'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. B' ann an 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an latha an-diugh. <br /> <br /> An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.