Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba ball-coise fo aois 14 Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_003_002
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30297
KEYWORDS
sgoilearan
clann-sgoile
àrd-sgoiltean
sgiobaidhean ball-coise
Allt a' Mhuilinn
Millburn Secondary School under 14 football team

San dealbh seo chithear sgioba ball-coise fo aois 14 aig Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, bliadhna na sgoile 1968-69. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Teàrlach Foirbeis, Raibeart Wheeler, Robin Moireasdan, Cailean White, Friseal Alexander, Ailean Dingwall, Raghnall Slucock is Mìcheal Tuach. Nan seasamh clì gu deas, san aghaidh, tha Sheumais Gòrdan, Keith Petrie, Daibhidh Kelman, Seumas Grannd, Iain Innes, Daibhidh Peutan is Gòrdan Cullen.

'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. B' ann an 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an latha an-diugh.

An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba ball-coise fo aois 14 Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

sgoilearan; clann-sgoile; àrd-sgoiltean; sgiobaidhean ball-coise; Allt a' Mhuilinn

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh seo chithear sgioba ball-coise fo aois 14 aig Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, bliadhna na sgoile 1968-69. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Teàrlach Foirbeis, Raibeart Wheeler, Robin Moireasdan, Cailean White, Friseal Alexander, Ailean Dingwall, Raghnall Slucock is Mìcheal Tuach. Nan seasamh clì gu deas, san aghaidh, tha Sheumais Gòrdan, Keith Petrie, Daibhidh Kelman, Seumas Grannd, Iain Innes, Daibhidh Peutan is Gòrdan Cullen.<br /> <br /> 'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. B' ann an 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an latha an-diugh. <br /> <br /> An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.