Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba rugbaidh as sine seachd-gach-taobh Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_003_004
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30299
KEYWORDS
sgoilearan
clann-sgoile
àrd-sgoiltean
sgiobaidhean rugbaidh
Allt a' Mhuilinn
Millburn Secondary School senior seven-a-side rugby team

San dealbh seo chithear an sgioba rugbaidh as sine an Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, bliadhna na sgoile 1968-69. 'S e a' Chuach Cupan Bon-Accord, air a thoirt seachad don fheadhainn a choisinn na puingean a bu motha san lìog. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Teàrlach Foirbeis, gun aithne, Iain Aird, Seoc Gilham, Keith Poole, Teàrlach Sutharlanach, Raibeart Brus is Mìcheal Tuach. Nan seasamh clì gu deas, san aghaidh, tha Sheumais Gòrdan, Calum Pringle, Ailean Mac an Tòisich, Seumas Olsen, Iain MacÌomhair, gun aithne, is Seumas Grannd.

'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. B' ann an 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an latha an-diugh.

An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba rugbaidh as sine seachd-gach-taobh Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

sgoilearan; clann-sgoile; àrd-sgoiltean; sgiobaidhean rugbaidh; Allt a' Mhuilinn

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh seo chithear an sgioba rugbaidh as sine an Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, bliadhna na sgoile 1968-69. 'S e a' Chuach Cupan Bon-Accord, air a thoirt seachad don fheadhainn a choisinn na puingean a bu motha san lìog. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Teàrlach Foirbeis, gun aithne, Iain Aird, Seoc Gilham, Keith Poole, Teàrlach Sutharlanach, Raibeart Brus is Mìcheal Tuach. Nan seasamh clì gu deas, san aghaidh, tha Sheumais Gòrdan, Calum Pringle, Ailean Mac an Tòisich, Seumas Olsen, Iain MacÌomhair, gun aithne, is Seumas Grannd.<br /> <br /> 'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. B' ann an 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an latha an-diugh. <br /> <br /> An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.