Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba ball-coise as sine Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_003_005
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30300
KEYWORDS
sgoilearan
clann-sgoile
àrd-sgoiltean
clasaichean
ball-coise
sgiobaidhean ball-coise
Millburn Secondary School senior football team

San dealbh seo chithear an sgioba ball-coise as sine aig Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, bliadhna na sgoile 1968-69. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Teàrlach Foirbeis, Seumas Olsen, Cailean White, Calum Pringle, gun aithne, Scott Lyon is Mìcheal Tuach. Nan seasamh clì gu deas, san aghaidh, tha Sheumais Gòrdan, Seumas Grannd, Uilleam Murphy, Raibeart Brus is Iain MacÌomhair.

'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. B' ann an 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an latha an-diugh.

An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba ball-coise as sine Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

sgoilearan; clann-sgoile; àrd-sgoiltean; clasaichean; ball-coise; sgiobaidhean ball-coise

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh seo chithear an sgioba ball-coise as sine aig Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, bliadhna na sgoile 1968-69. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Teàrlach Foirbeis, Seumas Olsen, Cailean White, Calum Pringle, gun aithne, Scott Lyon is Mìcheal Tuach. Nan seasamh clì gu deas, san aghaidh, tha Sheumais Gòrdan, Seumas Grannd, Uilleam Murphy, Raibeart Brus is Iain MacÌomhair.<br /> <br /> 'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. B' ann an 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an latha an-diugh. <br /> <br /> An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.