Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Diriebught Dynamos', Inbhir Nis, a choisinn Lìog na h-Oigridh 1969
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_003_006
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1969
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30301
KEYWORDS
sgiobaidhean ball-coise
ball-coise
Diriebught Dynamos
Inverness Youth League
sgoiltean
Allt a' Mhuilinn
Diriebught Dynamos, Inverness Youth League winners of 1969

San dealbh seo chithear sgioba nan 'Diriebught Dynamos' aig Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, a choisinn Lìog Òigridh Inbhir Nis an 1969. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha: neo-athnichte, Raghnall Slucock, neo-aithnichte, Seumas Grannd, Cailean White, Iain MacÌomhair, Teàrlach Foirbeis agus an tidsear, Cailean Baillie. Nan seasamh clì gu deas, san aghaidh, tha Mata Seatha, Stiùbhart Speed, Raibeart Brus, Micheal Tuach; Robin Moireasdan, Seumas Gòrdan agus Daibhidh Kelman.

'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. Cha b' ann gu 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an là an-diugh.

An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. An-dràsta tha sgoil ùr, a ghabhas àite nan togalaichean a th' ann, ga togail sna seann raointean cleasachd. Dh'fhosgail an sgoil ùr san t-Sultain 2008.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Diriebught Dynamos', Inbhir Nis, a choisinn Lìog na h-Oigridh 1969

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

sgiobaidhean ball-coise; ball-coise; Diriebught Dynamos; Inverness Youth League; sgoiltean; Allt a' Mhuilinn

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh seo chithear sgioba nan 'Diriebught Dynamos' aig Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, a choisinn Lìog Òigridh Inbhir Nis an 1969. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha: neo-athnichte, Raghnall Slucock, neo-aithnichte, Seumas Grannd, Cailean White, Iain MacÌomhair, Teàrlach Foirbeis agus an tidsear, Cailean Baillie. Nan seasamh clì gu deas, san aghaidh, tha Mata Seatha, Stiùbhart Speed, Raibeart Brus, Micheal Tuach; Robin Moireasdan, Seumas Gòrdan agus Daibhidh Kelman.<br /> <br /> 'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. Cha b' ann gu 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an là an-diugh. <br /> <br /> An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. An-dràsta tha sgoil ùr, a ghabhas àite nan togalaichean a th' ann, ga togail sna seann raointean cleasachd. Dh'fhosgail an sgoil ùr san t-Sultain 2008.