Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba ball-basgaid as sine Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn 1968-69
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_003_008
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30303
KEYWORDS
sgoilearan
àrd-sgoiltean
sgoiltean
sgiobaidhean ball-basgaid
ball-basgaid
Allt a' Mhuilinn
Millburn Secondary School senior basketball team 1968-69

San dealbh seo chithear an sgioba ball-basgaid as sine Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, bliadhna na sgoile 1968-69. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Mìcheal Mac a' Ghobhainn, Raibeart Brus, Raibeart Rothach, Iain MacRath agus fear neo-aithnichte. Nan seasamh clì gu deas, ris an aghaidh, tha Seumas Olsen, Iain Warnock, Seòras Mac na Ceàrdaich, agus Seumas Gòrdan.

'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. Cha b' ann gu 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an là an-diugh.

An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba ball-basgaid as sine Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn 1968-69

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

sgoilearan; àrd-sgoiltean; sgoiltean; sgiobaidhean ball-basgaid; ball-basgaid; Allt a' Mhuilinn

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh seo chithear an sgioba ball-basgaid as sine Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, bliadhna na sgoile 1968-69. Nan seasamh clì gu deas, sa chùl, tha Mìcheal Mac a' Ghobhainn, Raibeart Brus, Raibeart Rothach, Iain MacRath agus fear neo-aithnichte. Nan seasamh clì gu deas, ris an aghaidh, tha Seumas Olsen, Iain Warnock, Seòras Mac na Ceàrdaich, agus Seumas Gòrdan. <br /> <br /> 'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. Cha b' ann gu 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an là an-diugh. <br /> <br /> An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile.