Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùin Robain agus a thalamh
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_008_001
ÀITE
Goillspidh
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30314
KEYWORDS
caistealan
gàrraidhean chaistealan
talamh chaistealan
Diùcan Chataibh
Sir Charles Barry
William Leslie
Sir Robert Lorimer
oighreachdan
cairtean-puist
Dunrobin Castle and grounds

Sa chairt-phuist seo chithear Caisteal Dhùin Robain agus a thalamh. Tha Dùn Robain air a bhith na phrìomh-chathair aig Diùcan Chataibh on 12ra linn. An toiseach 's e tùr a bha sa chaisteal (o 1401) agus taigh mòr on t-17mh linn stèidhichte timcheall air gàrradh-cùirte sa mheadhan ach 's e glè bheag de na togalaichean tràtha sin a th' ann fhathast. Tha a' chuid as motha den taobh a-muigh drùidhteach (coltach ri stoidhle caisteal Frangach) bho mheadhan an 19mh linn. 'S e na h-ailtirean a dheilbh e Sir Charles Barry agus William Leslie.

Sgrios teine ann an 1915 tòrr dhen taobh a-staigh aig Barry agus chaidh am prìomh-ailtire Albannach, Sir Raibeart Lorimer, a choimiseanadh gus dreach ùr a chur air iomadh rùm, nam measg an rùm-ithe, an rùm-suidhe agus an leabharlann. Chaidh taigh-tasgaidh a chruthachadh ann an 1878 ann an togalach aige a bha na thaigh-samhraidh roimhe. Tha clachan Cruithneach ann agus cuachan stalcaireachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùin Robain agus a thalamh

CATAIBH: Goillspidh

caistealan; gàrraidhean chaistealan; talamh chaistealan; Diùcan Chataibh; Sir Charles Barry; William Leslie; Sir Robert Lorimer; oighreachdan; cairtean-puist

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

Sa chairt-phuist seo chithear Caisteal Dhùin Robain agus a thalamh. Tha Dùn Robain air a bhith na phrìomh-chathair aig Diùcan Chataibh on 12ra linn. An toiseach 's e tùr a bha sa chaisteal (o 1401) agus taigh mòr on t-17mh linn stèidhichte timcheall air gàrradh-cùirte sa mheadhan ach 's e glè bheag de na togalaichean tràtha sin a th' ann fhathast. Tha a' chuid as motha den taobh a-muigh drùidhteach (coltach ri stoidhle caisteal Frangach) bho mheadhan an 19mh linn. 'S e na h-ailtirean a dheilbh e Sir Charles Barry agus William Leslie.<br /> <br /> Sgrios teine ann an 1915 tòrr dhen taobh a-staigh aig Barry agus chaidh am prìomh-ailtire Albannach, Sir Raibeart Lorimer, a choimiseanadh gus dreach ùr a chur air iomadh rùm, nam measg an rùm-ithe, an rùm-suidhe agus an leabharlann. Chaidh taigh-tasgaidh a chruthachadh ann an 1878 ann an togalach aige a bha na thaigh-samhraidh roimhe. Tha clachan Cruithneach ann agus cuachan stalcaireachd