Ùrachadh mu Dheireadh 09/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crann-sneachda fo dhrochaid
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_008_010
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30321
KEYWORDS
croinn-sneachda
sneachd
trèanaichean
einnseanan
Snowplough under a bridge

Sa chairt-phuist seo chithear crann-sneachda ag obair fo dhrochaid rèile. Tha a h-uile loidhne Gàidhealach buailteach fulang ann an droch aimsir agus bha seo gu h-àraid fìrinneach san dàrna leth den 19mh linn, nuair a bha na loidhnichean meadhanach ùr. Chaidh feansaichean a thogail ach cha robh iad gu cus feum.

Sna 1860an chaidh croinn-shneachda a dheilbh agus a thogail aig oibrichean Inbhir Nis. B' urrainn dhaibh cuitheachan cho domhainn ri 12 throigh a ghluasad. Bhiodh suas ri ceithir einnseanan air an ceangal ri chèile agus bhiodh an crann a' dèanamh 'ionnsaigh' air a' chuithe-sneachda bho mu leth-mhìle air falbh. Bha flapaichean cliathaich air lùdagan aca a ghabhadh am pasgadh nuair nach robh iad gan cleachdadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crann-sneachda fo dhrochaid

croinn-sneachda; sneachd; trèanaichean; einnseanan

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

Sa chairt-phuist seo chithear crann-sneachda ag obair fo dhrochaid rèile. Tha a h-uile loidhne Gàidhealach buailteach fulang ann an droch aimsir agus bha seo gu h-àraid fìrinneach san dàrna leth den 19mh linn, nuair a bha na loidhnichean meadhanach ùr. Chaidh feansaichean a thogail ach cha robh iad gu cus feum.<br /> <br /> Sna 1860an chaidh croinn-shneachda a dheilbh agus a thogail aig oibrichean Inbhir Nis. B' urrainn dhaibh cuitheachan cho domhainn ri 12 throigh a ghluasad. Bhiodh suas ri ceithir einnseanan air an ceangal ri chèile agus bhiodh an crann a' dèanamh 'ionnsaigh' air a' chuithe-sneachda bho mu leth-mhìle air falbh. Bha flapaichean cliathaich air lùdagan aca a ghabhadh am pasgadh nuair nach robh iad gan cleachdadh