Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Glacadh nam mucan-mara ann am Bàgh Inbhir Theòrsa
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_008_013
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
DEIT
1899
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30324
KEYWORDS
sealg nam muc-mhara
mucan-mara
sealg
Capture of Whales at Thurso Bay

Sa chairt-phuist seo chithear glacadh nam mucan-mara ann am Bàgh Inbhir Theòrsa air a' Chaol Arcach, Gallaibh. Thàinig sgaoth de mhucan-mara a-steach don bhàgh agus chaidh sia bàtaichean a chur a-mach à Inbhir Theòrsa gus an cruinneachadh. Às dèidh spàirn de shia uairean a thìde, chaidh sgaoth de 104 beathach an iomain a-steach don tanalach agus chaidh sleaghan a chur tromhpa

Ann am bliadhnaichean seachad, bha sealg nam mucan-mara a' dol ann an uisgeachan Alba. Tràth san 20mh linn chaidh stèisean sealg nam muc-mhara a chur air bhonn aig Loch Tairbeirt sna Hearadh. Chaidh mucan-mara den t-seòrsa 'fin, sei agus blue' an glacadh dhan ionad agus chaidh eadar 300 is 1500 an glacadh gach turas. Dhùin an stèisean sìos greis ach dh'fhosgail e a-rithist ann an 1950-51. Às dèidh sin sguir iad gu tur a' sealg nam mucan-mara ann an uisgeachan Alba. Leis na dòighean ùra gus an glacadh, chaidh àireamhan uabhasach de mhucan-mara an cur às air feadh chuantan an t-saoghail agus mar thoradh air sin, chaidh iomadh companaidh sealg nam mucan-mara am briseadh tro na 1950an 's na 1960an. Chaidh casg a chur air sealg nam mucan-mara ann an 1986 gus nach deidheadh am beathach gu tur a-mach à bith

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Glacadh nam mucan-mara ann am Bàgh Inbhir Theòrsa

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

1890an

sealg nam muc-mhara; mucan-mara; sealg

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

Sa chairt-phuist seo chithear glacadh nam mucan-mara ann am Bàgh Inbhir Theòrsa air a' Chaol Arcach, Gallaibh. Thàinig sgaoth de mhucan-mara a-steach don bhàgh agus chaidh sia bàtaichean a chur a-mach à Inbhir Theòrsa gus an cruinneachadh. Às dèidh spàirn de shia uairean a thìde, chaidh sgaoth de 104 beathach an iomain a-steach don tanalach agus chaidh sleaghan a chur tromhpa<br /> <br /> Ann am bliadhnaichean seachad, bha sealg nam mucan-mara a' dol ann an uisgeachan Alba. Tràth san 20mh linn chaidh stèisean sealg nam muc-mhara a chur air bhonn aig Loch Tairbeirt sna Hearadh. Chaidh mucan-mara den t-seòrsa 'fin, sei agus blue' an glacadh dhan ionad agus chaidh eadar 300 is 1500 an glacadh gach turas. Dhùin an stèisean sìos greis ach dh'fhosgail e a-rithist ann an 1950-51. Às dèidh sin sguir iad gu tur a' sealg nam mucan-mara ann an uisgeachan Alba. Leis na dòighean ùra gus an glacadh, chaidh àireamhan uabhasach de mhucan-mara an cur às air feadh chuantan an t-saoghail agus mar thoradh air sin, chaidh iomadh companaidh sealg nam mucan-mara am briseadh tro na 1950an 's na 1960an. Chaidh casg a chur air sealg nam mucan-mara ann an 1986 gus nach deidheadh am beathach gu tur a-mach à bith