Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beinn Bhragaidh o Ghoillspidh
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_008_014
ÀITE
Goillspidh
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30325
KEYWORDS
beanntan
George Granville Leveson-Gower
Diùcan Chataibh
Fuadachean
na fuadaichean
Ben Bhraggie from Golspie

Tha Beinn Bhragaidh ann an Cataibh an Ear ri faicinn sa chairt-phuist seo. Tha a' bheinn, 394 meatair a dh'àirde, na seasamh os cionn Loch Fleòd agus baile Ghoillspidh. Tha ìomhaigh cloiche air mullach Beinn Bhragaidh de Sheòras Granville Leveson-Gower, 1d Diùc Chataibh.

Aig toiseach an 19mh linn bha an oighreachd a bu mhotha san Roinn Eòrpa aig Diùc Chataibh - fearann de mu 1.5 millean acair. Bha e den bheachd nach b' urrainn don fhearann beò-shlàint a chumail ris an luchd-màil aige fad greis mhòr agus mar sin thòisich e air na mìltean de dhaoine a ghluasad don chost agus caoraich a chur nan àite. Bha fuadaichean Chataibh gu sònraichte gun truas 's mar sin tha e ìoranta gu bheil e ag ràdh air bonn na h-ìomhaigh gun deach a' chlach a thogail le 'a mourning and grateful tenantry' do 'a judicious, kind and liberal landlord'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beinn Bhragaidh o Ghoillspidh

CATAIBH: Goillspidh

beanntan; George Granville Leveson-Gower; Diùcan Chataibh; Fuadachean; na fuadaichean

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

Tha Beinn Bhragaidh ann an Cataibh an Ear ri faicinn sa chairt-phuist seo. Tha a' bheinn, 394 meatair a dh'àirde, na seasamh os cionn Loch Fleòd agus baile Ghoillspidh. Tha ìomhaigh cloiche air mullach Beinn Bhragaidh de Sheòras Granville Leveson-Gower, 1d Diùc Chataibh.<br /> <br /> Aig toiseach an 19mh linn bha an oighreachd a bu mhotha san Roinn Eòrpa aig Diùc Chataibh - fearann de mu 1.5 millean acair. Bha e den bheachd nach b' urrainn don fhearann beò-shlàint a chumail ris an luchd-màil aige fad greis mhòr agus mar sin thòisich e air na mìltean de dhaoine a ghluasad don chost agus caoraich a chur nan àite. Bha fuadaichean Chataibh gu sònraichte gun truas 's mar sin tha e ìoranta gu bheil e ag ràdh air bonn na h-ìomhaigh gun deach a' chlach a thogail le 'a mourning and grateful tenantry' do 'a judicious, kind and liberal landlord'