Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-crolaidh, Am Blàr Dubh
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_009_010
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
LINN
1950an; 1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30337
KEYWORDS
borbairean
goilf
spòrs
croladh
Grand Caledonian Curling Club
Royal Caledonian Curling Club
Curlers, Muir of Ord

San dealbh-chamara seo chithear grunn fireannaich a' cuirleadh air an raon deigh a-muigh aig a' Bhlàr Dhubh. 'S e Sandaidh MacEoghainn, mac Uilleim is Eilidh MhicEoghainn o Highfield, am Blàr Dubh, an dàrna duine na sheasamh on taobh dheas. 'S e borbair a bh' ann an Sandaidh, agus bha e dèidheil air croladh 's air goilf. B' e am prìomh cluicheadair aig club goilf a' Bhlàir Dhuibh iomadh turas agus tha beinge air a' chiad ionad-draibhidh an sin mar chuimhne air.

Chan eil fhios cinnteach càit an do thòisich croladh, ach tha a' bhliadhna 1511 sgrìobht' air a' chloich as sine, a chaidh a lorg faisg air Sruighlea. Ann an 1838 chaidh an 'Grand Caledonian Curling Club' (air ath-ainmeachadh a-rithist an 'Royal Caledonian Curling Club') a chur air bhonn agus iad ag amas air riaghailtean cunbhalach a' gheama a stèidheachadh.

Tha clachan crolaidh an latha an-diugh 30 cm ann an leud is 11cm a dh'àirde. 'S ann à clach-ghràin a ghabhas ri bualadh a tha iad dèanta agus tha iad mu naoi cileagraman ann an cuideam. Tha slighe na cloich air an deigh fo smachd chluicheadairean a sguabas an deigh air thoiseach oirre. Tha seo a' gearradh sìos suathadh eadar an deigh 's a' chlach, a' glanadh sgudal sam bith on deigh agus cuideachd faodaidh e rathad lùbach na cloich a stiùireadh. Bidh na cluicheadairean a' feuchainn ri nas urrainn dhaibh de chlachan a chur nas fhaisg air ionad air an deigh (am putan) na a' chlach as fhaisg aig an sgioba eile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-crolaidh, Am Blàr Dubh

ROS: Urrath

1950an; 1960an

borbairean; goilf; spòrs; croladh; Grand Caledonian Curling Club; Royal Caledonian Curling Club

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh-chamara seo chithear grunn fireannaich a' cuirleadh air an raon deigh a-muigh aig a' Bhlàr Dhubh. 'S e Sandaidh MacEoghainn, mac Uilleim is Eilidh MhicEoghainn o Highfield, am Blàr Dubh, an dàrna duine na sheasamh on taobh dheas. 'S e borbair a bh' ann an Sandaidh, agus bha e dèidheil air croladh 's air goilf. B' e am prìomh cluicheadair aig club goilf a' Bhlàir Dhuibh iomadh turas agus tha beinge air a' chiad ionad-draibhidh an sin mar chuimhne air.<br /> <br /> Chan eil fhios cinnteach càit an do thòisich croladh, ach tha a' bhliadhna 1511 sgrìobht' air a' chloich as sine, a chaidh a lorg faisg air Sruighlea. Ann an 1838 chaidh an 'Grand Caledonian Curling Club' (air ath-ainmeachadh a-rithist an 'Royal Caledonian Curling Club') a chur air bhonn agus iad ag amas air riaghailtean cunbhalach a' gheama a stèidheachadh.<br /> <br /> Tha clachan crolaidh an latha an-diugh 30 cm ann an leud is 11cm a dh'àirde. 'S ann à clach-ghràin a ghabhas ri bualadh a tha iad dèanta agus tha iad mu naoi cileagraman ann an cuideam. Tha slighe na cloich air an deigh fo smachd chluicheadairean a sguabas an deigh air thoiseach oirre. Tha seo a' gearradh sìos suathadh eadar an deigh 's a' chlach, a' glanadh sgudal sam bith on deigh agus cuideachd faodaidh e rathad lùbach na cloich a stiùireadh. Bidh na cluicheadairean a' feuchainn ri nas urrainn dhaibh de chlachan a chur nas fhaisg air ionad air an deigh (am putan) na a' chlach as fhaisg aig an sgioba eile