Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fireannaich o Fheachd an Adhair
EXTERNAL ID
PC_WGORDON3_009_011
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Gordon
AITHNEACHADH MAOINE
30338
KEYWORDS
Feachd an Adhair
an Dàrna Cogadh
RAFVR
AAF
Feachdan Saor-thoileach
Royal Air Force men

San dealbh seo chithear dithis fhireannach o Chùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair. Ris an làimh dheis tha Pàdraig MacEoghainn, mac Uilleim is Eilidh MhicEoghainn, o Highfield, Am Blàr Dubh. Chaidh Pàdraig a mharbhadh san Dàrna Cogadh, aig aois 25. Chan eil fhios againn cò an luchd-adhair eile a tha còmhla ris no càit an deach an dealbh a thogail.

Fad an Dàrna Cogaidh bha an RAF an làthair gu làidir air feadh na Gàidhealtachd. Bha grunn ionadan sgìreil aca, nam measg RAF Dail Chrois, Goillspidh, Bail' Eoghainn, Inbhir Ghòrdain, Alanais is Inbhir Ùige. Chaidh Cùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair no (RAFVR) a chruthachadh ann an 1936 mar fheachd a bharrachd ris an Auxiliary Air Force (AAF). Aig toiseach an Dàrna Cogaidh 's e an RAFVR a' phrìomh dhòigh anns am faigheadh daoine saor-thoileach a-steach do sgioba-adhair ach an dèanadh iad seirbheis còmhla ris an RAF. Ann an 1941 bha e air a chlàradh gun robh barrachd air 50% de Sgioba-adhair nam Bomairean nam buill den RAFVR agus sna bliadhnaichean às deidh sin dh'èirich an àireamh sin gu barrachd air 95%

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fireannaich o Fheachd an Adhair

1930an; 1940an

Feachd an Adhair; an Dàrna Cogadh; RAFVR; AAF; Feachdan Saor-thoileach

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh seo chithear dithis fhireannach o Chùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair. Ris an làimh dheis tha Pàdraig MacEoghainn, mac Uilleim is Eilidh MhicEoghainn, o Highfield, Am Blàr Dubh. Chaidh Pàdraig a mharbhadh san Dàrna Cogadh, aig aois 25. Chan eil fhios againn cò an luchd-adhair eile a tha còmhla ris no càit an deach an dealbh a thogail.<br /> <br /> Fad an Dàrna Cogaidh bha an RAF an làthair gu làidir air feadh na Gàidhealtachd. Bha grunn ionadan sgìreil aca, nam measg RAF Dail Chrois, Goillspidh, Bail' Eoghainn, Inbhir Ghòrdain, Alanais is Inbhir Ùige. Chaidh Cùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair no (RAFVR) a chruthachadh ann an 1936 mar fheachd a bharrachd ris an Auxiliary Air Force (AAF). Aig toiseach an Dàrna Cogaidh 's e an RAFVR a' phrìomh dhòigh anns am faigheadh daoine saor-thoileach a-steach do sgioba-adhair ach an dèanadh iad seirbheis còmhla ris an RAF. Ann an 1941 bha e air a chlàradh gun robh barrachd air 50% de Sgioba-adhair nam Bomairean nam buill den RAFVR agus sna bliadhnaichean às deidh sin dh'èirich an àireamh sin gu barrachd air 95%