Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Sergeant Peter McEwan of the Royal Air Force Volunteer Reserve

San dealbh seo chithear Sàirdseant Peter MacEoghainn de Chùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair. B' e Pàdraig mac Uilleim is Eilidh MhicEoghainn, o Highfield, Am Blàr Dubh agus chaidh a mharbhadh san Dàrna Cogadh, aig aois 25. Chan eil fhios càit an deach an dealbh a thogail.

Fad an Dàrna Cogaidh bha an RAF an làthair gu làidir air feadh na Gàidhealtachd. Bha grunn ionadan sgìreil aca, nam measg RAF Dail Chrois, Goillspidh, Bail' Eoghainn, Inbhir Ghòrdain, Alanais is Inbhir Ùige. Chaidh Cùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair no (RAFVR) a chruthachadh ann an 1936 mar fheachd a bharrachd ris an Auxiliary Air Force (AAF). Aig toiseach an Dàrna Cogaidh 's e an RAFVR a' phrìomh dhòigh anns am faigheadh daoine saor-thoileach a-steach do sgioba-adhair ach an dèanadh iad seirbheis còmhla ris an RAF. Ann an 1941 bha e air a chlàradh gun robh barrachd air 50% de Sgioba-adhair nam Bomairean nam buill den RAFVR agus sna bliadhnaichean às deidh sin dh'èirich an àireamh sin gu barrachd air 95%

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sàirdseant Peter MacEoghainn de Chùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair

Cùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair; an Dàrna Cogadh; RAFVR; AAF; Feachdan Saor-thoileach

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh seo chithear Sàirdseant Peter MacEoghainn de Chùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair. B' e Pàdraig mac Uilleim is Eilidh MhicEoghainn, o Highfield, Am Blàr Dubh agus chaidh a mharbhadh san Dàrna Cogadh, aig aois 25. Chan eil fhios càit an deach an dealbh a thogail.<br /> <br /> Fad an Dàrna Cogaidh bha an RAF an làthair gu làidir air feadh na Gàidhealtachd. Bha grunn ionadan sgìreil aca, nam measg RAF Dail Chrois, Goillspidh, Bail' Eoghainn, Inbhir Ghòrdain, Alanais is Inbhir Ùige. Chaidh Cùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair no (RAFVR) a chruthachadh ann an 1936 mar fheachd a bharrachd ris an Auxiliary Air Force (AAF). Aig toiseach an Dàrna Cogaidh 's e an RAFVR a' phrìomh dhòigh anns am faigheadh daoine saor-thoileach a-steach do sgioba-adhair ach an dèanadh iad seirbheis còmhla ris an RAF. Ann an 1941 bha e air a chlàradh gun robh barrachd air 50% de Sgioba-adhair nam Bomairean nam buill den RAFVR agus sna bliadhnaichean às deidh sin dh'èirich an àireamh sin gu barrachd air 95%