Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Members of the Royal Air Force

San dealbh seo chithear buidheann de dhaoine ann am Feachd an Adhair taobh a-muigh taighe. Chan eil fhios càit a bheil seo. 'S e an duine san dàrna sreath, an dàrna duine on chlì, Sàirdseant Peter MacEoghainn de Chùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair, mac Uilleim is Eilidh MhicEoghainn, o Highfield, Am Blàr Dubh. Rugadh Pàdraig ann an 1916 agus chaidh a mharbhadh san Dàrna Cogadh, aig aois 25.

Fad an Dàrna Cogaidh bha an RAF an làthair gu làidir air feadh na Gàidhealtachd. Bha grunn ionadan sgìreil aca, nam measg RAF Dail Chrois, Goillspidh, Bail' Eoghainn, Inbhir Ghòrdain, Alanais is Inbhir Ùige. Chaidh Cùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair no (RAFVR) a chruthachadh ann an 1936 mar fheachd a bharrachd ris an Auxiliary Air Force (AAF). Aig toiseach an Dàrna Cogaidh 's e an RAFVR a' phrìomh dhòigh anns am faigheadh daoine saor-thoileach a-steach do sgioba-adhair ach an dèanadh iad seirbheis leis an RAF. Ann an 1941 bha e air a chlàradh gu robh barrachd air 50% de Sgioba-adhair nam Bomairean nam buill den RAFVR agus sna bliadhnaichean às dèidh sin dh'èirich an àireamh sin gu barrachd air 95%

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buill de Fheachd an Adhair

1930an; 1940an

Cùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair; Feachd an Adhair; an Dàrna Cogadh; Feachdan Saor-thoileach; luchd-adhair; RAFVR; AAF; Auxiliary Air Force

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

San dealbh seo chithear buidheann de dhaoine ann am Feachd an Adhair taobh a-muigh taighe. Chan eil fhios càit a bheil seo. 'S e an duine san dàrna sreath, an dàrna duine on chlì, Sàirdseant Peter MacEoghainn de Chùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair, mac Uilleim is Eilidh MhicEoghainn, o Highfield, Am Blàr Dubh. Rugadh Pàdraig ann an 1916 agus chaidh a mharbhadh san Dàrna Cogadh, aig aois 25. <br /> <br /> Fad an Dàrna Cogaidh bha an RAF an làthair gu làidir air feadh na Gàidhealtachd. Bha grunn ionadan sgìreil aca, nam measg RAF Dail Chrois, Goillspidh, Bail' Eoghainn, Inbhir Ghòrdain, Alanais is Inbhir Ùige. Chaidh Cùl-stòr Saor-thoileach Feachd an Adhair no (RAFVR) a chruthachadh ann an 1936 mar fheachd a bharrachd ris an Auxiliary Air Force (AAF). Aig toiseach an Dàrna Cogaidh 's e an RAFVR a' phrìomh dhòigh anns am faigheadh daoine saor-thoileach a-steach do sgioba-adhair ach an dèanadh iad seirbheis leis an RAF. Ann an 1941 bha e air a chlàradh gu robh barrachd air 50% de Sgioba-adhair nam Bomairean nam buill den RAFVR agus sna bliadhnaichean às dèidh sin dh'èirich an àireamh sin gu barrachd air 95%