Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Three children with their mother

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn triùir chloinne còmhla ri am màthair Anna Ghòrdan. Bha an teaghlach a' fuireach ann an Taigh an Ùird, Am Blàr Dubh. 'S e Iain an leanabh air an làimh chlì, tha Àdhamh sa mheadhan agus 's i Catrìona am piuthar. Bha an dà bhràthair a' sabaid san Dàrna Cogadh, Iain mar neach-chomharra agus Àdhamh mar oifigear sgèith ann am Feachd Rìoghail an Adhair.

Chaidh Iain a ghlacadh le saighdearan Iapanach nuair a bha e air seirbheis ann am Malèisia. Chur e seachad trì bliadhna mar phrìosanach cogaidh mus deach a chur dhachaigh ann an 1945. An dèidh sin b' ann leis a bha a' bhùth-chiùil 'The Record Rendezvous' ann an Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis. Bha piuthar Iain, Catrìona, a' ruith gnothachas gruagaire ann an Sràid an Aonaidh ann an Inbhir Nis, anns na 1960an.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Triùir chloinne còmhla ri am màthair

An Dàrna Cogadh; leanabachd; Feachd Rìoghail an Adhair; prìosanach cogaidh; neach-chomharra; The Record Rendezvous; RAF

W Gordon

Winnie Gordon (photographs)

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn triùir chloinne còmhla ri am màthair Anna Ghòrdan. Bha an teaghlach a' fuireach ann an Taigh an Ùird, Am Blàr Dubh. 'S e Iain an leanabh air an làimh chlì, tha Àdhamh sa mheadhan agus 's i Catrìona am piuthar. Bha an dà bhràthair a' sabaid san Dàrna Cogadh, Iain mar neach-chomharra agus Àdhamh mar oifigear sgèith ann am Feachd Rìoghail an Adhair.<br /> <br /> Chaidh Iain a ghlacadh le saighdearan Iapanach nuair a bha e air seirbheis ann am Malèisia. Chur e seachad trì bliadhna mar phrìosanach cogaidh mus deach a chur dhachaigh ann an 1945. An dèidh sin b' ann leis a bha a' bhùth-chiùil 'The Record Rendezvous' ann an Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis. Bha piuthar Iain, Catrìona, a' ruith gnothachas gruagaire ann an Sràid an Aonaidh ann an Inbhir Nis, anns na 1960an.