Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Group of three ladies with set of golf clubs and balls in foreground

Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn triùir mnathan-uasal, 's dòcha aig Cluba Goilf Ghoillspidh. 'S i Anna Ghòrdan a' bhean-uasal sa mheadhan. Rugadh Anna ann an Goillspidh, Siorrachd Chataibh, air 6 An Cèitean 1887. Na h-inbhe bha Anna ag obair na clàrc agus ann an 1916 phòs i Àdhamh MacAnndrais Gòrdan, a rugadh ann an Goillspidh cuideachd. Bha Mgr Gòrdan na leifteanant anns na Sìophortaich agus bha e a' sabaid anns a' Chiad Chogadh.

An dèidh bliadhnaichean a' chogaidh ghluais na Gòrdonaich a Thaigh an Ùird, Am Blàr Dubh. Bha an dà mhac aca a' sabaid anns an Dàrna Cogadh agus an dèidh sin b' ann le am mac a b' òige, Iain, a bha a' bhùth-chiùil 'The Record Rendezvous' ann an Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis. Bha nighean nan Gòrdonaich, Catrìona a' ruith gnothachas gruagaire ann an Sràid an Aonaidh anns na 1960an.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buidheann de thriùir mhnathan-uasal le seata chamain goilf agus buill-goilf ri aghaidh an deilbh

Na Sìophortaich; A' Chiad Chogadh; An Dàrna Cogadh; The Record Rendezvous

Winnie Gordon (photographs)

Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn triùir mnathan-uasal, 's dòcha aig Cluba Goilf Ghoillspidh. 'S i Anna Ghòrdan a' bhean-uasal sa mheadhan. Rugadh Anna ann an Goillspidh, Siorrachd Chataibh, air 6 An Cèitean 1887. Na h-inbhe bha Anna ag obair na clàrc agus ann an 1916 phòs i Àdhamh MacAnndrais Gòrdan, a rugadh ann an Goillspidh cuideachd. Bha Mgr Gòrdan na leifteanant anns na Sìophortaich agus bha e a' sabaid anns a' Chiad Chogadh.<br /> <br /> An dèidh bliadhnaichean a' chogaidh ghluais na Gòrdonaich a Thaigh an Ùird, Am Blàr Dubh. Bha an dà mhac aca a' sabaid anns an Dàrna Cogadh agus an dèidh sin b' ann le am mac a b' òige, Iain, a bha a' bhùth-chiùil 'The Record Rendezvous' ann an Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis. Bha nighean nan Gòrdonaich, Catrìona a' ruith gnothachas gruagaire ann an Sràid an Aonaidh anns na 1960an.