Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' coimhead sìos Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir
EXTERNAL ID
AB_DOCHGARROCH_004
ÀITE
Dabhach Ghairbheach
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
12 An t-Iuchar 2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
304
KEYWORDS
canàl
lochan
slighean-uisge
glinn
còmhdhail
Looking along the Caledonian Canal

Tha Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ruith airson 60 mìle eadar Inbhir Nis agus A' Chorpaich faisg air A' Ghearsdan. Chaidh a dhealbh airson 's nach biodh aig soithichean-mara ri dhol air an turas chunnartach mu chuairt taobh a tuath na h-Alba tron Chaol Arcach. Tha 38 mìle dheth a' dol tro Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh agus 's e gearraidhean san t-slighe a th' anns an 22 mìle eile. Tha 29 glasan air an t-sligh'-uisge cuideachd.

Rinneadh a' chiad sgrùdadh anns na 1770an le Seumas Watt ach mu dheireadh thall thòisich an obair ann an 1803 a rèir phlanaichean le Tòmas Telford. Bha dùil an toiseach gum maireadh an obair 7 bliadhna agus gun cosgadh e £350,000 ach aig a' cheann thall mhair an obair 17 bliadhna agus chosg e £840,000. Nuair a dh'fhosgladh e, bha an doimhneachd aige 14 troighean an àite 20 agus mar sin rinneadh obair a bharrachd eadar 1844 agus 1847 gus an doimhneachd a mheudachadh.

Thogadh an dealbh seo bho Dabhach Ghairbheach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' coimhead sìos Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

canàl; lochan; slighean-uisge; glinn; còmhdhail

Am Baile

Tha Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ruith airson 60 mìle eadar Inbhir Nis agus A' Chorpaich faisg air A' Ghearsdan. Chaidh a dhealbh airson 's nach biodh aig soithichean-mara ri dhol air an turas chunnartach mu chuairt taobh a tuath na h-Alba tron Chaol Arcach. Tha 38 mìle dheth a' dol tro Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh agus 's e gearraidhean san t-slighe a th' anns an 22 mìle eile. Tha 29 glasan air an t-sligh'-uisge cuideachd. <br /> <br /> Rinneadh a' chiad sgrùdadh anns na 1770an le Seumas Watt ach mu dheireadh thall thòisich an obair ann an 1803 a rèir phlanaichean le Tòmas Telford. Bha dùil an toiseach gum maireadh an obair 7 bliadhna agus gun cosgadh e £350,000 ach aig a' cheann thall mhair an obair 17 bliadhna agus chosg e £840,000. Nuair a dh'fhosgladh e, bha an doimhneachd aige 14 troighean an àite 20 agus mar sin rinneadh obair a bharrachd eadar 1844 agus 1847 gus an doimhneachd a mheudachadh.<br /> <br /> Thogadh an dealbh seo bho Dabhach Ghairbheach