Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tuiltean Dhrochaid Chàrr, 1923 - Sealladh eile de na còmhlachan
EXTERNAL ID
PC_WHARTON_FLOODS_021
ÀITE
Drochaid Chàrr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
1923
LINN
1920an
CRUTHADAIR
William Paterson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mary Anne Wharton
AITHNEACHADH MAOINE
30462
KEYWORDS
tuiltean
tuileachadh
mòr-thubaistean
Carrbridge Floods, 1923 - Another view of shuttering

Tha an dealbh seo a' sealltainn luchd-obrach a' càradh an rèile agus an drochaid faisg air Drochaid Chàrr. Thathas gu bhith deiseil a' cur suas chòmhlachan timcheall a' bharrabhalla.

Air 8 An t-Iuchar 1923, an dèidh fìor dhroch stoirmean, bha tuiltean ann an sgìre Dhrochaid Chàrr ann an Siorrachd Inbhir Nis. Ri linn seo, thuit sia drochaidean rèile agus rathaid, chaidh faisg air leth mhìle de bhruaich rèile a leagail agus chaidh obraichean airson dìon bho thuiltean a mhilleadh gu tur.

Fhuair an Ridire Raibeart MacAilpein agus a Mhic cùmhnant airson a càradh agus bha 250 fireannach aca ag obair air an làraich - bha iad a' fuireach ann am bothain a chaidh a thogail ann am fìor chabhaig. Am measg an luchd-obrach bha obraichean, goibhnean, saoir, agus meacanaigean, a thuilleadh air luchd-clàirc agus luchd-obrach eile. Chaidh daoine a bha a' siubhal agus bathar a chur tro Bhaile nan Granndach agus Farrais fhad 's a bha iad a' càradh nithean an seo.

Dh' fhosgail an rathad eadar Drochaid Chàrr agus Inbhir Nis air 15 dhen Iuchar ach cha do dh' fhosgail an rèile a-rithist gu 31 dhen Lùnastal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tuiltean Dhrochaid Chàrr, 1923 - Sealladh eile de na còmhlachan

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1920an

tuiltean; tuileachadh; mòr-thubaistean

Mary Anne Wharton

Carrbridge Floods, 1923