- TIOTAL
- Tuiltean Dhrochaid Chàrr, 1923 - A' togail drochaid rèile ùr
- EXTERNAL ID
- PC_WHARTON_FLOODS_028
- ÀITE
- Drochaid Chàrr
- SGÌRE
- Bàideanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
- DEIT
- 1923
- LINN
- 1920an
- CRUTHADAIR
- William Paterson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Mary Anne Wharton
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30469
- KEYWORDS
- tuiltean
tuileachadh
mòr-thubaistean
Tha an dealbh seo a' sealltainn drochaid rèile ùr ga togail faisg air Drochaid Chàrr.
Air 8 An t-Iuchar 1923, an dèidh fìor dhroch stoirmean, bha tuiltean ann an sgìre Dhrochaid Chàrr ann an Siorrachd Inbhir Nis. Ri linn seo, thuit sia drochaidean rèile agus rathaid, chaidh faisg air leth mhìle de bhruaich rèile a leagail agus chaidh obraichean airson dìon bho thuiltean a mhilleadh gu tur.
Fhuair an Ridire Raibeart MacAilpein agus a Mhic cùmhnant airson a càradh agus bha 250 fireannach aca ag obair air an làraich - bha iad a' fuireach ann am bothain a chaidh a thogail ann am fìor chabhaig. Am measg an luchd-obrach bha obraichean, goibhnean, saoir, agus meacanaigean, a thuilleadh air luchd-clàirc agus luchd-obrach eile. Chaidh daoine a bha a' siubhal agus bathar a chur tro Bhaile nan Granndach agus Farrais fhad 's a bha iad a' càradh nithean an seo.
Dh' fhosgail an rathad eadar Drochaid Chàrr agus Inbhir Nis air 15 dhen Iuchar ach cha do dh' fhosgail an rèile a-rithist gu 31 dhen Lùnastal