Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taobh-sgoil, Achlyness
EXTERNAL ID
PC_WMORRISON_088
ÀITE
Ach Loinn-eas
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
CRUTHADAIR
Willie Morrison
NEACH-FIOSRACHAIDH
Willie Morrison
AITHNEACHADH MAOINE
30571
KEYWORDS
iarann preasach
Side School, Achlyness

Tha an togalach seo de mheatailt preasach agus bha e uaireigin na thaobh-sgoil ann an Achlyness. 'S e baile beag croitearachd a th' ann an Achlyness aig ceann Loch Uinnseard faisg air Ruigh Còinnich ann an Cataibh.

Ro Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872, a bha ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail foghlam a thoirt seachad a bha air air a phàigheadh tro chìsean ionadail, bha an eaglais a' riaghladh a' mhòr-chuid de sgoiltean. Sa Ghàidhealtachd, bha cuid de parraistean glè mhòr agus bhiodh sgoil a bharrachd air an robh 'taobh-sgoil' annta. Cha robh an luchd-teagaisg ann an taobh-sgoiltean a' faighinn uiread de phàigheadh agus cha robh ach leughadh, sgrìobhadh agus suimean sa chlàr-oideachaidh. 'S dòcha gun tabhainneadh sgoiltean eile, le luchd-teagaisg le pàigheadh nas fheàrr, cuspairean a bharrachadh mar eachdraidh agus cruinn-eòlas.

'S ann o cho-fharpais Am Baile nan sgoiltean 2003 a tha an earrann seo. Chaidh a sgrìobhadh le sgoilear - Ruairidh - o Bhun-sgoil Cheann Loch Biorbhaigh.

'S e Taobh-sgoiltean a' chiad sgoiltean a bha san sgìre. Bha iad airson teaghlach no dhà a bh'anns gach sgìre. Bha na sgoiltean seo aig Sgeir a' Chadha, Ach Linn an Eas, Bada Call, Uinnseard, An Àird Mhòr, Am Pollan is Balchirck. Cha robh an luchd-obrach anns na sgoiltean seo air trèanadh fhaighinn mar thidsearan idir. Uair no dhà sa bhliadhna, bhiodh tidsear o thè de na sgoiltean mòra san sgìre (Àisir no Inshegra) a' tighinn a choimhead air obair na cloinne. Bha an obair-sgoile gu lèir air a dhèanamh le cailc air sglèat. Cha robh ach an obair as fheàrr air a sgrìobhadh air pàipear, rud a bha na shuaimhneas. Mar sin, nuair a bha na tidsirean a' tighinn, 's cinnteach nach robh mòran obrach ann air an coimheadadh iad. Cha robh dòigh-siubhail ann gu na taobh-sgoiltean is cha robh a' chlann a' coinneachadh ri cloinn o thaobh-sgoiltean eile. Bha aig gach sgoilear ri fàd a thoirt dhan sgoil gach latha airson an teine a chumail a' dol san t-seòmar-teagaisg. Nuair a chaidh rathaidean na sgìre a leasachadh, bha e nas fhasa faighinn dhan sgoil. Chaidh na Leas Sgoiltean a dhùnadh an dèidh dhan dealan is rathaidean nas fheàrr tighinn ann an 1955. Tha Leas Sgoil Ach Linn an Eas fhathast ann an staid glè mhath. 'S iongantach gu bheil mòran Thaobh-sgoiltean air fhàgail ann an Cataibh. Tha mi a' smaoineachadh gun dèanadh Taobh-sgoil Ach Linn an Eas deagh thaigh-tasgaidh foghlaim seach gu bheil e faisg air an rathad.'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taobh-sgoil, Achlyness

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

iarann preasach

Willie Morrison

Willie Morrison Archive