Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgoilearan aig Taobh-sgoil Innis nan Damh
EXTERNAL ID
PC_WMORRISON_095
ÀITE
Innis nan Damh
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
DEIT
1934
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Willie Morrison
AITHNEACHADH MAOINE
30578
KEYWORDS
dealbhan
sgoiltean
tidsearan
Pupils of Inchnadamph Side School

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail aig Taobh-sgoil Innis nan Damh mu 1934. 'S ann o Bhrùra a bha an tidsear (clì), Jessie Ann Ross. Bhiodh i a' teagasg dannsa Gàidhealach dhan chlainn a bharrachd air na cuspairean àbhaisteach. Thill i a Bhrùra mu dheireadh, far na phòs i fear Dunn.

B' e a' chlann (beulaibh, clì gu deas) Hamish Stiùbhart, Barbal Corbett, Georgie Corbett, Bunty Stiùbhairt agus Bobbie Easton. Thàinig Bobbie gu bhith na cheannard-sgoile ann an Lagan, ach gu mì-fhortanach bhàsaich e gu math aithghearr aig aois meadhanach òg sna 1970an. Tha cuideigin den bheachd gur e 'Ros' sloinneadh aig dithis de na balaich san t-sreath chùl.

Ro Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872, a bha ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail foghlam a thoirt seachad a bha air air a phàigheadh tro chìsean ionadail, bha an eaglais a' riaghladh a' mhòr-chuid de sgoiltean. Sa Ghàidhealtachd, bha cuid de parraistean glè mhòr agus bhiodh sgoil a bharrachd air an robh 'taobh-sgoil' annta. Cha robh an luchd-teagaisg ann an taobh-sgoiltean a' faighinn uiread de phàigheadh agus cha robh ach leughadh, sgrìobhadh agus suimean sa chlàr-oideachaidh. 'S dòcha gun tabhainneadh sgoiltean eile, le luchd-teagaisg le pàigheadh nas fheàrr, cuspairean a bharrachadh mar eachdraidh agus cruinn-eòlas.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgoilearan aig Taobh-sgoil Innis nan Damh

CATAIBH: Asaint

1930an

dealbhan; sgoiltean; tidsearan

Willie Morrison

Willie Morrison Archive

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail aig Taobh-sgoil Innis nan Damh mu 1934. 'S ann o Bhrùra a bha an tidsear (clì), Jessie Ann Ross. Bhiodh i a' teagasg dannsa Gàidhealach dhan chlainn a bharrachd air na cuspairean àbhaisteach. Thill i a Bhrùra mu dheireadh, far na phòs i fear Dunn.<br /> <br /> B' e a' chlann (beulaibh, clì gu deas) Hamish Stiùbhart, Barbal Corbett, Georgie Corbett, Bunty Stiùbhairt agus Bobbie Easton. Thàinig Bobbie gu bhith na cheannard-sgoile ann an Lagan, ach gu mì-fhortanach bhàsaich e gu math aithghearr aig aois meadhanach òg sna 1970an. Tha cuideigin den bheachd gur e 'Ros' sloinneadh aig dithis de na balaich san t-sreath chùl.<br /> <br /> Ro Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872, a bha ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail foghlam a thoirt seachad a bha air air a phàigheadh tro chìsean ionadail, bha an eaglais a' riaghladh a' mhòr-chuid de sgoiltean. Sa Ghàidhealtachd, bha cuid de parraistean glè mhòr agus bhiodh sgoil a bharrachd air an robh 'taobh-sgoil' annta. Cha robh an luchd-teagaisg ann an taobh-sgoiltean a' faighinn uiread de phàigheadh agus cha robh ach leughadh, sgrìobhadh agus suimean sa chlàr-oideachaidh. 'S dòcha gun tabhainneadh sgoiltean eile, le luchd-teagaisg le pàigheadh nas fheàrr, cuspairean a bharrachadh mar eachdraidh agus cruinn-eòlas.