- TIOTAL
- Eaglais Shràid Latharna
- EXTERNAL ID
- QZP27_60_6_9
- ÀITE
- Ceann Loch Chille Chiarain
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Ceann Loch Chille Chiarain
- LINN
- 1890an; 1900an
- CRUTHADAIR
- Charles & Dennis MacGrory
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlann Earra-ghàidheil is Bhòid agus Seirbheis Fiosrachaidh
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30646
- KEYWORDS
- creideamh
eaglaisean
an Dealachadh

Chaidh am far-ainm 'an eaglais thartan' a thoirt air Eaglais Shràid Latharna ann an Ceann Loch Chill Chiarain mar thoradh air na clachan dearga is buidhe a th'innte. Chaidh a togail ann an 1867 airson luchd na Gàidhlig san Eaglais Shaor. Roimhe sin bhiodh iad ag adhradh ann an tè den dà eaglais (tè dhiubh do mhuinntir na Gàidhlig agus tè dhiubh do mhuinntir na Beurla) a chaidh a thogail ann an Sràid na h-Àth Mòire an dèidh An Dealachaidh ann an 1843. Dhùin an eaglais ann an 1990 agus 's e ionad dualchais a th'ann an-diugh.
Thàinig sgaradh dhan eaglais ann an 1843 mar thoradh air ceist mu cò a thaghadh am ministear - an coithional no an t-uachdaran-fearainn. Dh'fhàg mu 200 ministear Eaglais na h-Alba gus An Eaglais Shaor a stèidheachadh aig an àm seo. Chaidh iomadh eaglais a thogail do na coithionalan ùra
Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Argyll and Bute Library & Information Service