Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eich 's Cairtean ann an Loch Cill Chiarain
EXTERNAL ID
QZP27_60_34_23A
ÀITE
Ceann Loch Chille Chiarain
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Ceann Loch Chille Chiarain
LINN
1890an; 1900an; 1910an
CRUTHADAIR
Charles & Dennis MacGrory
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann Earra-ghàidheil is Bhòid agus Seirbheis Fiosrachaidh
AITHNEACHADH MAOINE
30684
KEYWORDS
eich
cairtean
carbadan
còmhdhail
Horses and carts in Campbeltown Loch

Eich agus cairtean gan glanadh ann an Loch Chill Chiarain.
Ged a bha baidhsagalan agus carbadan ann an Ceann Loch Chill Chiarain aig deireadh an naoidheamh linn deug agus toiseach an fhicheadamh linn, b' e an t-each 's a' chairt a bu trice a bhiodh ga chleachdadh airson siubhal mun cuairt. Bha eich a' tarraing iomadh seòrsa agus iomadh cumadh de charbad is de chairt gus daoine agus bathar a thoirt bho àite gu àite. Chaidh gual 's mòine an giùlan gu na taighean staile san sgìre agus gu na dachaighean cuideachd. 'S e cairtean a bhiodh aca cuideachd gus gràinn a thoirt gu na taighean braiche bho na bàtaichean a bha air ùr thighinn. Ri linn nach robh sgeamaichean solar-uisge ach tearc, b' e an dòigh a b'fheàrr air na cairtean a ghlanadh am bogadh ann an Loch Chill Chiarain

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Argyll and Bute Library & Information Service

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eich 's Cairtean ann an Loch Cill Chiarain

EARRA-GHÀIDHEAL: Ceann Loch Chille Chiarain

1890an; 1900an; 1910an

eich; cairtean; carbadan; còmhdhail

Leabharlann Earra-ghàidheil is Bhòid agus Seirbheis Fiosrachaidh

MacGrory Brothers Archive