Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach an Rèile, Ceann Tìre
EXTERNAL ID
QZP27_2545
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1890an; 1900an; 1910an
CRUTHADAIR
Charles & Dennis MacGrory
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann Earra-ghàidheil is Bhòid agus Seirbheis Fiosrachaidh
AITHNEACHADH MAOINE
30713
KEYWORDS
Rèile Ceann Loch Chille Chiarain 's Mhachaire Shanais
trèanaichean
ròidean iarainn
còmhdhail
turasachd
mèinnichean guail
Railway Workers, Kintyre

Luchd-obrach an Rèile, dh' fhaodadh gur ann nuair a bhathas a' togail Rèile Ceann Loch Chille Chiarain agus Machaire Shanais.

Ann an 1905 chaidh aontachadh rèile a thogail eadar Ceann Loch Chille Chiarain agus Machaire Shanais. Bha seo a' dol a ghiùlan gual agus luchd-siubhail eadar an dà àite, is bheireadh seo taic don turasachd a bha a' leudachadh anns an sgìre. Mus deach an rèile a thogail bha an gual ga thoirt a Cheann Loch Chille Chiarain le each is cairt agus an dèidh sin air bàta,air an t-sligh'-uisge ùr a bhathas air a thogail.

B'e an t-einnsean 'Earra-ghàidheal' a thug a' chiad trèana a Mhachaire Shanais air an 1mh dhen Lùnastal 1906. Ged nach deach gual a tharraing air an trèana an dèidh 1929, ri linn gun do dhùin a' mhèinn faisg air làimh, bha daoine a' siubhal air an t-seirbheis gus an do sguir i ann an 1932

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Argyll and Bute Library & Information Service

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach an Rèile, Ceann Tìre

1890an; 1900an; 1910an

Rèile Ceann Loch Chille Chiarain 's Mhachaire Shanais; trèanaichean; ròidean iarainn; còmhdhail; turasachd; mèinnichean guail

Leabharlann Earra-ghàidheil is Bhòid agus Seirbheis Fiosrachaidh

MacGrory Brothers Archive