Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seula Alasdair de Yle, Tighearna nan Eilean is Iarla Rois 1440
EXTERNAL ID
QZP40_02
DEIT
1900
LINN
1440an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30732
KEYWORDS
seulan
Tighearna nan Eilean
Tighearnas nan Eilean
riaghaltas
riaghladairean
oifigeil
Seal of Alexander de Yle, Lord of the Isles and Earl of Ross 1440

Ged a bu bhan-Lochlannach a mhàthair, thionndaidh Somhairle an aghaidh nan riaghladairean Lochlannach anns Na h-Eileanan Siar is bha e soirbheachail dhan ruagadh a-mach. B' esan ciad Tighearna nan Eilean, is thàinig na Tighearnan gu lèir na dhèidh o shliochd.

Ann am meadhan an 12mh linn, 's ann aig Clann Dòmhnaill a bha an tiotal 'Tighearnan nan Eilean'. Bha iad air an ainmeachadh an dèidh ogha Shomhairle, Dòmhnall, is chum an cumhachd is am buaidh aca a' fàs. Dh'fhàs Tighearnan nan Eilean cho cumhachdach 's gum b'urrainn dhaibh feuchainn air Crùn na h-Alba aig blàr Arla is Inbhir Lòchaidh. Thàinig an Tighearnas gu crìch ann an 1493 nuair a rinn Iain Dòmhnallach is Eideard IV à Sasann cùmhnant a chum Alba a roinn. Mu dheireadh, thug Crùn na h-Alba air na fearainn aige a thoirt dhaibh.

B' e Alasdair - 's e an seula aige-san a tha seo - athair Iain Dòmhnallaich. Thàinig Alasdair gu bhith na Thighearna nan Eilean nuair a bhàsaich athair is chaidh an tiotal 'Iarla Rois' a thoirt dha ann an 1424. Bha Alasdair ro chumhachdach is na chunnart, ann am beachd Sheumais I, is chaidh a chur an grèim is a chur dhan phrìosan ann an 1426. Mar dhìoghaltas airson seo, loisg Alasdair Inbhir Nis nuair a chaidh a leigeil às a' phrìosan. Fhuair e a' mhòr-chuid den chumhachd is den fhearann aige air ais mus do bhàsaich e sa Chèitean 1448.

Tha an dealbh seo de sheula Alasdair, Tighearna nan Eilean, air a toirt o 'The Earldom of Ross' le D Moireach Rose (1900)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seula Alasdair de Yle, Tighearna nan Eilean is Iarla Rois 1440

1440an

seulan; Tighearna nan Eilean; Tighearnas nan Eilean; riaghaltas; riaghladairean; oifigeil

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)