Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Innealan iasgaich
EXTERNAL ID
QZP40_0950237000_P001
SIORRACHD/PARRAIST
ROS
DEIT
1989
LINN
19l; 20l
CRUTHADAIR
Johan Sutherland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30733
KEYWORDS
iasgach
innealan
cungaidhean
sgianan
loidhnichean
cliabh
dòighean
zoomable

Tha an duilleag seo a' sealltainn cuid de na h-innealan iasgaich a bhathar a' cleachdadh ann am bailtean Machair Rois.

'S e brat roid air fhighe o ribheagan is seann dhriamlach a th'ann am 'plàtach'. Bhathar a' cur an driamlaich air fhad 's a bha iad a' biadhadh no ga slaodadh air ais a-steach.

'S e spaid neach-obrach a bh'ann an 'kybe' (caibe). Bha bonn còmhnard air le oir lùbte is cas chòmhnard fhiodh mu 5 troighean a dh'fhaid. Bha e air a chleachdadh a chum deallagan a chladhach.

Bha 'dubhan shìolag' air a chleachadh airson sìolagan a thogail. Bha sìolagan beagan fo uachdar na gainmhche is bha iad furasta am faighinn.

B' e dubhan cromag a bh' air a chleachdadh a chum iasg mòr a ghlacadh a bh' ann an 'cleap', is b' e cudthrom luaidhe no cloiche le ceithir dubhain mhòra mu thimcheall a bh' ann an 'ripper'. Bha e air a chleachadh airson trosg a ghlacadh le bhith ga dhraghadh suas gu luath.

Bha deallagan, feusgain is bàirnich air an cleachdadh mar bhiadhadh. Bha deallagan air an cruinneachadh eadar an t-Ògmhios agus an Lùnastal is bha iad a' puinnseachadh nan corragan, 's mar sin bhiodh boireannaich le brèidean orra gu math tric aig an àm sin. Bha bàirnich air an cleachdadh fad na bliadhna is bha iad air an cleachdadh còmhla ri feusgain a chum trosg a ghlacadh eadar An Giblean is An Cèitean. Bha feusgain air an cleachdadh fad na bliadhna cuideachd.

Bha 'cliabh loidhne' air a chaolachadh aig aon cheann gus am faighear air an loidhne leis a' bhiadhadh a chur a-mach gu furasta. 'S e frèam no ionad clèibh sìmplidh airson an cliabh le loidhne a' bhiadhaidh a chumail a bh' ann an 'croich'.

Bha 'sprattan' air a chleachdadh airson bàirnich a thogail on chreig. Bha cas le mòran lìonaidh air. B' e sgian bheag gheur a bh' ann an 'guttack' (cutag).

Tha na dealbhan seo air an toirt o 'Down to the Sea' le Seònaid NicDhòmhnaill is Anna Ghòrdan, le dealbhan le Seonag Shutharlanach. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain le Comann Dualchais Rois is Chrombaidh ann an 1989

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Innealan iasgaich

ROS

19l; 20l

iasgach; innealan; cungaidhean; sgianan; loidhnichean; cliabh; dòighean; zoomable