Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàtaichean sgadain
EXTERNAL ID
QZP40_0950237000_P002
SIORRACHD/PARRAIST
ROS
DEIT
1989
CRUTHADAIR
Johan Sutherland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30734
KEYWORDS
bàtaichean
iasgadh
gnìomhachas an iasgaich
còmhdhail
siùil
zoomable

Tha an duilleag seo a' sealltainn bhàtaichean iasgaich a bh' air an cleachdadh aig àmannan eadar-dhealaichte ann am Machair Rois. 'S e leth bòrd-luinge a bh' air na bàtaichean sgadain an toiseach, le leapannan a-muigh. Bha iad air an togail san sgìre, ach bha iad a' seòladh fada air falbh on sgìre. Bha sèasan an sgadain a' tòiseachadh sa Chèitean ann an Sealtainn is a' dol sìos an cost cho fada ri Yarmouth air Eilean Wight san fhoghar. Bhiodh fir uaireannan a' siubhal gu Na h-Eileanan Siar no Èirinn anns na bàtaichean seo.

B' e bàta air a thogail ann an dòigh 'clinker' a bh' ann an 'skaffie'. Bha iad cumanta ann an Cuan Mhoireibh gu na 1880an nuair a ghabh na bàtaichean ùra 'Zulu' an àite. Bha na bàtaichean 'Zulu' 30-50 troigh a dh'fhaid is furasta gluasad. Bha geòla ('yawl') 15-17 troigh a dh'fhaid. Bha reangan de dharach is plangan de learaig innte, is bha i air a togail ann an dòigh 'clinker'. Tha seo a' ciallachadh gun robh pàirt de na plangan air an taobh a-muigh air muin a chèile.

Tha na dealbhan seo air an toirt o 'Down to the Sea' le Seònaid NicDhòmhnaill is Anna Ghòrdan, le dealbhan le Seonag Shutharlanach. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain le Comann Dualchais Rois is Chrombaidh ann an 1989

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàtaichean sgadain

ROS

bàtaichean; iasgadh; gnìomhachas an iasgaich; còmhdhail; siùil; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Tha an duilleag seo a' sealltainn bhàtaichean iasgaich a bh' air an cleachdadh aig àmannan eadar-dhealaichte ann am Machair Rois. 'S e leth bòrd-luinge a bh' air na bàtaichean sgadain an toiseach, le leapannan a-muigh. Bha iad air an togail san sgìre, ach bha iad a' seòladh fada air falbh on sgìre. Bha sèasan an sgadain a' tòiseachadh sa Chèitean ann an Sealtainn is a' dol sìos an cost cho fada ri Yarmouth air Eilean Wight san fhoghar. Bhiodh fir uaireannan a' siubhal gu Na h-Eileanan Siar no Èirinn anns na bàtaichean seo.<br /> <br /> B' e bàta air a thogail ann an dòigh 'clinker' a bh' ann an 'skaffie'. Bha iad cumanta ann an Cuan Mhoireibh gu na 1880an nuair a ghabh na bàtaichean ùra 'Zulu' an àite. Bha na bàtaichean 'Zulu' 30-50 troigh a dh'fhaid is furasta gluasad. Bha geòla ('yawl') 15-17 troigh a dh'fhaid. Bha reangan de dharach is plangan de learaig innte, is bha i air a togail ann an dòigh 'clinker'. Tha seo a' ciallachadh gun robh pàirt de na plangan air an taobh a-muigh air muin a chèile.<br /> <br /> Tha na dealbhan seo air an toirt o 'Down to the Sea' le Seònaid NicDhòmhnaill is Anna Ghòrdan, le dealbhan le Seonag Shutharlanach. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain le Comann Dualchais Rois is Chrombaidh ann an 1989