Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àirneis a bha cumanta ann am bothan ann am bailtean Machair Rois
EXTERNAL ID
QZP40_0950237000_P004
DEIT
1989
LINN
19l
CRUTHADAIR
Johan Sutherland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30736
KEYWORDS
àirneis
leapannan
teinntean
cucairean
creathall
prasaichean
leapannan beaga
taighean
togalaichean
bothain
zoomable

Tha an duilleag seo a' sealltainn an àirneis a bha cumanta ann an taigh 'but 'n ben' (taigh le dà rùm). 'S e seòmar-suidhe air a dheagh chumail a bh' ann am fear dhiubh - cha robh seo air a chleachdadh ach aig àmannan sònraichte. B' e cidsin, seòmar-bìdh is seòmar-cadail a bh' anns an rùm eile. 'S e cunnart-teine a bhiodh anns na cliathan-theine a bh' anns na taighean sin an-diugh! Bha e ri balla a-staigh le ceannbhrat fiodh os a chionn. Bha an ceannbhrat seo air a cheangal ris an t-simileir le luidhear fiodh. Bha an teine air an làr le dà theinntean de chloich is crèadha ri thaobh. Bha slabhraidh is dubhan air a chrochadh on luidhear airson poit a chumail. Chaidh leasachadh a dhèanamh air a' chliath-theine a-rithist nuair a chaidh an teine a thogail on làr le grèata iarainn sìmplidh.

Bha an dreasar an còmhnaidh ri taobh na leapa. Bha e air a dhèanamh le fiodh geal air a ghlanadh agus bha truinnsearan is bobhlaichean an teaghlaich air. Bha dà dhrathair is dà phreas fo na sgeilpeachan, is bha innealan a' chidsein is biadh air an cumail an seo. B' e leapaichean bhogsa a bh' aca an còmhnaidh. Bha iad air an dèanamh le fiodh is dùinte air gach taobh is gu h-àrd. Uaireanan bha na dorsan fiodha air an toirt dheth is cùrtairean an crochadh nan àite. B' e leabaidh bhogsa an aon àite dìomhair ann an taigh far an robh an teaghlach gu lèir ann an aon sheòmar. Bha a' chreathal anns a' mhòr-chuid de thaighean. Bha luasgadairean is cochall oirre. Bha sreang air a cheangal ri na cnapan gus an leanabh a chumail na bhroinn. B' urrainn don mhàthair a' chreathal a luasgadh le a cas fhad 's a bha i a' dèanamh obair eile.

Tha na dealbhan seo air an toirt o 'Down to the Sea' le Seònaid NicDhòmhnaill is Anna Ghòrdan, le dealbhan le Seonag Shutharlanach. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharan le Comann Dualchais Rois is Chrombaidh ann an 1989

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àirneis a bha cumanta ann am bothan ann am bailtean Machair Rois

19l

àirneis; leapannan; teinntean; cucairean; creathall; prasaichean; leapannan beaga; taighean; togalaichean; bothain; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Tha an duilleag seo a' sealltainn an àirneis a bha cumanta ann an taigh 'but 'n ben' (taigh le dà rùm). 'S e seòmar-suidhe air a dheagh chumail a bh' ann am fear dhiubh - cha robh seo air a chleachdadh ach aig àmannan sònraichte. B' e cidsin, seòmar-bìdh is seòmar-cadail a bh' anns an rùm eile. 'S e cunnart-teine a bhiodh anns na cliathan-theine a bh' anns na taighean sin an-diugh! Bha e ri balla a-staigh le ceannbhrat fiodh os a chionn. Bha an ceannbhrat seo air a cheangal ris an t-simileir le luidhear fiodh. Bha an teine air an làr le dà theinntean de chloich is crèadha ri thaobh. Bha slabhraidh is dubhan air a chrochadh on luidhear airson poit a chumail. Chaidh leasachadh a dhèanamh air a' chliath-theine a-rithist nuair a chaidh an teine a thogail on làr le grèata iarainn sìmplidh.<br /> <br /> Bha an dreasar an còmhnaidh ri taobh na leapa. Bha e air a dhèanamh le fiodh geal air a ghlanadh agus bha truinnsearan is bobhlaichean an teaghlaich air. Bha dà dhrathair is dà phreas fo na sgeilpeachan, is bha innealan a' chidsein is biadh air an cumail an seo. B' e leapaichean bhogsa a bh' aca an còmhnaidh. Bha iad air an dèanamh le fiodh is dùinte air gach taobh is gu h-àrd. Uaireanan bha na dorsan fiodha air an toirt dheth is cùrtairean an crochadh nan àite. B' e leabaidh bhogsa an aon àite dìomhair ann an taigh far an robh an teaghlach gu lèir ann an aon sheòmar. Bha a' chreathal anns a' mhòr-chuid de thaighean. Bha luasgadairean is cochall oirre. Bha sreang air a cheangal ri na cnapan gus an leanabh a chumail na bhroinn. B' urrainn don mhàthair a' chreathal a luasgadh le a cas fhad 's a bha i a' dèanamh obair eile.<br /> <br /> Tha na dealbhan seo air an toirt o 'Down to the Sea' le Seònaid NicDhòmhnaill is Anna Ghòrdan, le dealbhan le Seonag Shutharlanach. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharan le Comann Dualchais Rois is Chrombaidh ann an 1989