Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Innealan cumanta ann am bothan
EXTERNAL ID
QZP40_0950237000_P005
DEIT
1989
LINN
19l
CRUTHADAIR
Johan Sutherland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30737
KEYWORDS
iasgach
rèisgeadh
a' deasachadh bìdh
acfhainn
innealan
cungaidhean
zoomable

Tha an duilleag seo a' sealltainn innealan a bhiodh ann am bothan air Machair Rois tràth san 19mh linn.

B' e frèam fiodh trì-cheàrnach air an robh iasg a' tioramachadh a bh' ann am 'fish-hake'. Bha e air a chrochadh air cliathaich an taighe no na bàthcha airson suas ri dà latha. B' e slat fhiodh chruinn mu òirleach a leud a bh'ann an 'speet', no 'speight'. Bha e air a bhruthadh tro 'chluasan' an èisg agus air a chrochadh ann an taigh-toitidh. B' e seòrsa 'speet' eile a bh' ann an 'tinter'. 'S e pìos fiodh còmhnard mu 4 troighean a dh'fhaid le dubhain air gach taobh a bh' ann. Bha e a' dèanamh tuill nas lugha ann an 'cluasan' an èisg is ghabhadh barrachd iasg a chur air san taigh-toitidh. B' e bàthach fhiodh a bh'anns an taigh-toitidh, ach bha feadhainn air an còmhdach le iarann preasach an dèidh seo. B' e ùir a bh' anns an làr le teine ann an toll sa mheadhan. Cha robh simileir ann, 's mar sin bha a' cheò glacte airson gluasad timcheall an èisg.

B' e pìos loidhne a bha crochte on driamlach a bh' ann an 'tripping'. 'S ann air a bha an dubhan. Gu math tric, 's ann le gaoiseid eich a bha iad air an dèanamh is bha feum air cuideaman luaidhe airson an dèanamh. 'S e inneal fiodh airson brògan a thoirt dhiot gun do làmhan a chleachdadh a bh' ann am 'boot jack'. B' e inneal fiodh airson buntàta a phrannadh a bh' ann am 'plocan' no 'chapper', is bha 'spirtle' (maide-nigheadaireachd) air a chleachdadh airson aodach a bhruthadh air ais dhan bhùrn.

Bha am 'brander' (branndair) caran coltach ris a' ghrìosaich againne. 'S e inneal uèir a bh' ann a bh' air a chur air uachdar teine dearg. Bha e air a chleachdadh airson iasg a chòcaireachd, an àite a bhruich.

B' e liagh coltach ri spàin a bh' air a chleachdadh gus burn a thogail à tobar a bh' ann an 'skillet' (sgeileid). B' e ràcan fiodh airson luibhean a thoirt à fearann a' bhuntàta a bh' ann an 'hawk'.

Tha na dealbhan seo air an toirt o 'Down to the Sea' le Seònaid NicDhòmhnaill is Anna Ghòrdan, le dealbhan le Seonag Shutharlanach. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain le Comann Dualchais Rois is Chrombaidh ann an 1989

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Innealan cumanta ann am bothan

19l

iasgach; rèisgeadh; a' deasachadh bìdh; acfhainn; innealan; cungaidhean; zoomable