Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seannduaig
EXTERNAL ID
QZP40_0950237000_P007
ÀITE
Seannduaig
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: An Neag
DEIT
1989
LINN
19l
CRUTHADAIR
Johan Sutherland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30739
KEYWORDS
bailtean
clachain
planaichean
mapaichean
cladach
leacan Cruithneach
iasgach
zoomable

'S e Seannduaig fear de na bailtean air cladach a' Mhachaire ( Ros an Ear). 'S e Bail' an Todhair agus Bail' a' Chnuic na dhà eile. Thòisich Seannduaig mar bhaile beag iasgaich ach dh'fhàs e nuair a thàinig leasachadh air gnìomhachas iasgach an sgadain, agus cuideachd aig àm nam fuadaichean a thug air daoine gluasad don oirthir. Bha barrachd air 60 iasgair ann an Seannduaig aig toiseach nan 1880an. 'S ann o na facail Lochlannach 'sand vik' a' ciallachadh 'bàgh (ùig) gainmhiche' a tha ainm. 'S e an rud as ainmeile aig Seannduaig an leac mhòr Chruithneach a tha air cnoc air cùl a' bhaile. 'S e leac croise Chruithneach Clas ll a tha gu math drùidhteach a th' ann an Clach Sheannduaig, no Clach a' Charraidh.

'S e Pàirc Bhail' an Todhair, faisg air mullach a' phlana, sreath shingilte de thaighean a tha eadar Seannduaig is Bail' an Todhair.

'S ann o 'Down to the Sea' le Seasaidh NicDhòmhnaill agus Anna Ghòrdain, le dealbhan le Seonag Shutharlanach, a thàinig na dealbhan seo. Chaidh an leabhar a chlò-bhualadh ann an 1989 ann an Inbhir Pheofharain le Comann Dualchais Chrombaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seannduaig

ROS: An Neag

19l

bailtean; clachain; planaichean; mapaichean; cladach; leacan Cruithneach; iasgach; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

'S e Seannduaig fear de na bailtean air cladach a' Mhachaire ( Ros an Ear). 'S e Bail' an Todhair agus Bail' a' Chnuic na dhà eile. Thòisich Seannduaig mar bhaile beag iasgaich ach dh'fhàs e nuair a thàinig leasachadh air gnìomhachas iasgach an sgadain, agus cuideachd aig àm nam fuadaichean a thug air daoine gluasad don oirthir. Bha barrachd air 60 iasgair ann an Seannduaig aig toiseach nan 1880an. 'S ann o na facail Lochlannach 'sand vik' a' ciallachadh 'bàgh (ùig) gainmhiche' a tha ainm. 'S e an rud as ainmeile aig Seannduaig an leac mhòr Chruithneach a tha air cnoc air cùl a' bhaile. 'S e leac croise Chruithneach Clas ll a tha gu math drùidhteach a th' ann an Clach Sheannduaig, no Clach a' Charraidh.<br /> <br /> 'S e Pàirc Bhail' an Todhair, faisg air mullach a' phlana, sreath shingilte de thaighean a tha eadar Seannduaig is Bail' an Todhair.<br /> <br /> 'S ann o 'Down to the Sea' le Seasaidh NicDhòmhnaill agus Anna Ghòrdain, le dealbhan le Seonag Shutharlanach, a thàinig na dealbhan seo. Chaidh an leabhar a chlò-bhualadh ann an 1989 ann an Inbhir Pheofharain le Comann Dualchais Chrombaidh