Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bail' an Todhair
EXTERNAL ID
QZP40_0950237000_P010
ÀITE
Baile an Todhair
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Manachainn Rois
DEIT
1989
LINN
19l
CRUTHADAIR
Johan Sutherland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30742
KEYWORDS
mapaichean
planaichean
gnìomhachas
iasgach
calachan
a' bhuinneach-mhòr
galar
zoomable

Tha baile beag Bhail' an Todhair na laighe air leth-eilean an Tairbeirt mu 12 mhìle an ear thuath air Inbhir Ghòrdain. Rè an t-16mh linn tha e air a chlàradh mar bhail' iasgaich Manachainn Rois. Lean e na bhaile iasgaich. Bhiodh bàtaichean a' cur gu tìr air an tràigh aig Seannduaig gus an deach an cala a thogail sna 1890an.

Tha 'todhar' an seo a' ciallachadh 'gealadh an aodaich' agus 's ann o ghnìomhachas an anairt a thàinig an t-ainm Gàidhlig. Bhiodh aodach air a sgaoileadh ann am Bail' an Todhair gus gealaicheadh a' ghrian e.

Bha a' phlàigh, a' bhuinneach-mhòr , ann an 1832, glè dhona ann am bail' an Todhair mar a bha e ann am bailtean a' chladaich sin gu lèir. Ach chaidh e seachad luath, agus a rèir aithris thachair sin a chionn 's gum faca dithis fhireannach a' phlàigh a' tighinn mar sgòth agus ghlac iad I ann an anart-leapa agus thiodlaic iad i.

'S ann o 'Down to the Sea' le Seasaidh NicDhòmhnaill agus Anna Ghòrdain a thàinig na dealbhan seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bail' an Todhair

ROS: Manachainn Rois

19l

mapaichean; planaichean; gnìomhachas; iasgach; calachan; a' bhuinneach-mhòr; galar; zoomable