Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Map de Ghàidhealtachd na h-Alba, 1825
EXTERNAL ID
QZP40_9_1344613MAP
ÀITE
Alba
DEIT
1825
LINN
1820an
CRUTHADAIR
W H Lizars
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30744
KEYWORDS
mapaichean
àitichean
cinnidhean
siorrachdan
paraistean
zoomable
deilbh leudachail

Map de Ghàidhealtachd na h-Alba a' sealltainn nan Sgìrean no na Siorrachdan san robh na Cinnidhean Gàidhealach a' fuireach. Tha am map seo a' cleachdadh dhathan airson crìochan nan sgìrean agus nan siorrachdan san robh na cinnidhean a' fuireach a dhèanamh soilleir. Ach bu chòir ainm a' chinnidh a leughadh oir chan eil an aon dath ga chleachdadh an còmhnaidh airson aon chinneadh.

Chaidh am map a dhèanamh le W H Lizars agus thàinig e às an leabhar 'Sketches of the Character, Manner and Present State of the Highlanders of Scotland' le Colonel David Stewart

Bha William Home Lizars (1788 - 1859) an toiseach a' peantadh dhaoine. Ghabh e thairis gnìomhachas gràbhalaidh an teaghlaich ann an Dùn Èideann agus rinn e gràbhalaidhean airson iomadh leabhar. Nuair a thàinig fear-ealain eòin, John James Audubon, à Aimeireaga a Bhreatainn ann an 1826, 's e Lizars a bha air fhastadh aige an toiseach airson gràbhalaidhean a dhèanamh dhen obair aige, ged a chaidh a' chuid bu mhotha a dhèanamh le Robert Havell & Son

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Map de Ghàidhealtachd na h-Alba, 1825

1820an

mapaichean; àitichean; cinnidhean; siorrachdan; paraistean; zoomable; deilbh leudachail

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Map de Ghàidhealtachd na h-Alba a' sealltainn nan Sgìrean no na Siorrachdan san robh na Cinnidhean Gàidhealach a' fuireach. Tha am map seo a' cleachdadh dhathan airson crìochan nan sgìrean agus nan siorrachdan san robh na cinnidhean a' fuireach a dhèanamh soilleir. Ach bu chòir ainm a' chinnidh a leughadh oir chan eil an aon dath ga chleachdadh an còmhnaidh airson aon chinneadh.<br /> <br /> Chaidh am map a dhèanamh le W H Lizars agus thàinig e às an leabhar 'Sketches of the Character, Manner and Present State of the Highlanders of Scotland' le Colonel David Stewart<br /> <br /> Bha William Home Lizars (1788 - 1859) an toiseach a' peantadh dhaoine. Ghabh e thairis gnìomhachas gràbhalaidh an teaghlaich ann an Dùn Èideann agus rinn e gràbhalaidhean airson iomadh leabhar. Nuair a thàinig fear-ealain eòin, John James Audubon, à Aimeireaga a Bhreatainn ann an 1826, 's e Lizars a bha air fhastadh aige an toiseach airson gràbhalaidhean a dhèanamh dhen obair aige, ged a chaidh a' chuid bu mhotha a dhèanamh le Robert Havell & Son