Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uilleam, Diùc Chumberland
EXTERNAL ID
QZP40_21_P001
DEIT
1748
LINN
1740an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30745
KEYWORDS
Diùca Chumberland
Cùil Lodair
Na Seumasaich
batailean
blàir
Am Prionnsa Teàrlach
na cinnidhean
feachdan
airm
Uilleam Augustus Hanobhair
William, Duke of Cumberland

B' e Uilleam Augustus Hanobhair, Diùc Chumberland (1721-1765) an dara mhac aig Seòras II. Fhuair e an tiotal Diùc Chumberland ann an 1726 an cois nan tiotalan Marcais Berkhamstead, Iarla Kennington, Biocas Trematon, agus Baran Alderney. Chaidh a chur a dh'Alba airson casg a chur air aramach nan Seumasach ann an 1745. Air an 16mh Ghiblein 1746 sheas feachd an riaghaltais an aghaidh nan Seumasach air monadh Chùil Lodair. Cha do sheas am blàr fiù 's uair a thìde agus na Seumasaich air an sgrios. Fhuair dòchas nan Seumasach air a' chrùn buille bàis aig Cùil Lodair.

An dèidh a' bhlàir thug an Diùca seachad an t-òrdugh nach robh maitheanas sam bith gu bhith air a shealltainn do na Seumasaich. Chaidh an t-òrdugh a sgrìobhadh, tha e coltach, air cùl cairt 9 nan Daoimean, air a bheil an t-ainm 'mallachd na h-Alba' chun an latha an-diugh. Chaidh na Seumasaich an ruagadh agus am marbhadh, chaidh am peilear a chur anns na chaidh a leòn, chaidh dachaighean a losgadh agus chaidh an crodh an leigeil ma sgaoil. Mar sin fhuair e an t-ainm, am 'Buidsear'.

Thòisich Cumberland gu dian air cur às do na cinnidhean agus do dhòigh-beatha na Gaidhealtachd. Thàinig droch chrìoch air a shaighdearachd nuair a b'fheudar dha gèilleadh do na Frangaich aig àm Cogadh nan Seachd Bliadhna. Bhàsaich e le binndeachadh-fala san eanchainn ann an 1765.

Chaidh Cille Chuimein, gearastan air Loch Nis, ainmeachadh an deidh an Diùc, agus tha an t-aon ainm Beurla air a' bhaile timcheall air.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'An Impartial History of the Late Rebellion in 1745', le S Boyse

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uilleam, Diùc Chumberland

1740an

Diùca Chumberland; Cùil Lodair; Na Seumasaich; batailean; blàir; Am Prionnsa Teàrlach; na cinnidhean; feachdan; airm; Uilleam Augustus Hanobhair

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)