Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana de Bhlàr Chùil Lodair
EXTERNAL ID
QZP40_21_P188
ÀITE
Cùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1748
LINN
1740an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30749
KEYWORDS
blàir
batailean
planaichean
fineachan
cinnidhean
muinntir Hanòbhair
Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart
zoomable

Chaidh am plana seo fhoillseachadh anns an 'Daily Gazeteer' air 5mh Cèitein 1746.

'S e Blàr Chùil Lodair am blàr mu dheireadh taobh a-staigh crìochan Bhreatainn agus chuir e crìoch air Aramach agus air adhbhar nan Seumasach.

Anns a' Ghiblean 1746, bha feachd nan Seumasach sgìth, acrach agus dòrainneach an dèidh dhaibh caismeachd fada gu tuath à Dàrbaidh, an dèidh stad gu math mì-chàirdeil an Glaschu agus an dèidh dhaibh fulang le dìth thaic a chaidh gealltainn dhaibh às an Fhraing. Mar a thug na Seumasaich às gu tuath agus Diùc Chumberland as an dèidh, thòisich grunn de na Gàidheil a' tarrainn às gus biadh a lorg agus theich iad dhachaigh. Ged a fhuair am Prionnsa comhairle bhon Mhorair Seòras Moireach a theicheadh do na beanntan agus sabaid às an sin, thagh am Prionnsa Teàrlach Monadh Chùil Lodair, Monadh Dhruim Athaisidh mar a bh'air aig an àm, airson an làrach far an seasadh iad an aghaidh feachdan an riaghaltais. Cha robh Monadh Chùil Lodair freagarrach airson dòigh sabaid 'ionnsaigh agus geàrr' nan Gàidheal; bha e na bu fhreagarraiche do dhòighean sabaid an riaghaltais.

Air oidhche a' 15mh Giblein 1746, rinn na Seumasaich caismeachd a dh' Inbhir Nàrann, dà mhìle deug à Inbhir Nis 's iad an dùil ionnsaigh gun fhiosd a thoirt air feachdan Dhiùc Chumberland. Ach nuair a ràinig iad Inbhir Nàrann lorg iad saighdearan an riaghaltais nan dùisg agus a' dèanamh gàirdeachais air sgàth an 25mh co-là breith aig Diùc Chumberland, agus mar sin rinn na Seumasaich caismeachd deich mìle air ais a Chùil Lodair.

Nuair a chuala Diùc Chumberland gun robh na Seumasaich air a bhith a' caismeachd fad na h-oidhche chuir e roimhe a dhol gan coinneachadh aig Monadh Chùil Lodair an latha sin fhèin, 16mh Giblein. Thug urchair armachd feachdan an riaghaltais air na Gàidheil a dhol a shabaid, ach cha robh an talamh freagarrach airson ionnsaigh nan Gàidheal. An iomadh àite chaidh stad a chur air na Gàidheil le musgaid agus le losgadh nan gunnaichean mòra mus ruigeadh iad loidhne saighdearan an riaghaltais.

Bha a h-uile càil seachad taobh a-staigh uair a thìde. Chaidh mu 1,500 Seumasach a mharbhadh anns a' bhlàr agus as a dhèidh, nam measg daoine neochiontach a bha faisg orra agus boireannaich is clann. Choisinn seo do Dhiùc Chumberland am farainm am 'Buidsear'. Theich am Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart ro dheireadh a' bhlàir agus an dèidh ùine rinn e a shlighe air ais dhan Fhraing agus dhan Ròimh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'An Impartial History of the Late Rebellion in 1745', le S Boyse

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana de Bhlàr Chùil Lodair

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1740an

blàir; batailean; planaichean; fineachan; cinnidhean; muinntir Hanòbhair; Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)