Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sìm, am Morair MacShimidh
EXTERNAL ID
QZP40_22_P086
LINN
1740an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30751
KEYWORDS
Mac Shimidh
Lòbhat
Sìm Friseal
morairean
Na Seumasaich
Cùil Lodair
cinnidhean
cur gu bàs
muinntir Hanòbhair
Simon, Lord Fraser of Lovat

Dh'fheuch Sìm Friseal, am Morair MacShimidh (1667-1747), ri tiotal MacShimidh fhaighinn dha fhèin le bhith a' toirt air a' bhanntraich a' Bhean Uasal Amelia NicShimidh a phòsadh an aghaidh a toil ann an 1697. Goirid an dèidh sin theich e dhan Roinn Eòrpa far an do thionndaidh e don chreideamh Chaitligeach agus rinn e suas ri cùirt nan Seumasach. A dh'aindeoin sin dh'fhuirich e air falbh bhon t-sabaid ann an aramach nan Seumasach ann an 1715. Bhon rinn e seo, agus bha e 'dìleas' don chrùn, fhuair e maitheanas airson na droch rudan a rinn e roimhe. Rinn e iomadh srìth-lagha gus mu dheireadh fhuair e an tiotal 11mh Mhorair MacShimidh ann an 1733.

Chaidh e an sàs còmhla ri na Seumasaich ann an 1745 agus an dèidh Chùil Lodair chaidh a chur an grèim agus a chur fo chasaid ann an Lunnainn. Chaidh a chur gu bàs airson AÀd Bhrathadh air 9mh Giblein 1747 aig aois 80. B' e an duine mu dheireadh a fhuair bàs ann an Sasainn le bhith a' toirt a chinn dheth. An dèidh sin thug an Crùn air falbh an oighreachd agus na tiotalan bhon teaghlach.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'The History of the Rise, Progress and Extinction of the Rebellion in Scotland in the years 1745 and 1746'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sìm, am Morair MacShimidh

1740an

Mac Shimidh; Lòbhat; Sìm Friseal; morairean; Na Seumasaich; Cùil Lodair; cinnidhean; cur gu bàs; muinntir Hanòbhair

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Dh'fheuch Sìm Friseal, am Morair MacShimidh (1667-1747), ri tiotal MacShimidh fhaighinn dha fhèin le bhith a' toirt air a' bhanntraich a' Bhean Uasal Amelia NicShimidh a phòsadh an aghaidh a toil ann an 1697. Goirid an dèidh sin theich e dhan Roinn Eòrpa far an do thionndaidh e don chreideamh Chaitligeach agus rinn e suas ri cùirt nan Seumasach. A dh'aindeoin sin dh'fhuirich e air falbh bhon t-sabaid ann an aramach nan Seumasach ann an 1715. Bhon rinn e seo, agus bha e 'dìleas' don chrùn, fhuair e maitheanas airson na droch rudan a rinn e roimhe. Rinn e iomadh srìth-lagha gus mu dheireadh fhuair e an tiotal 11mh Mhorair MacShimidh ann an 1733.<br /> <br /> Chaidh e an sàs còmhla ri na Seumasaich ann an 1745 agus an dèidh Chùil Lodair chaidh a chur an grèim agus a chur fo chasaid ann an Lunnainn. Chaidh a chur gu bàs airson AÀd Bhrathadh air 9mh Giblein 1747 aig aois 80. B' e an duine mu dheireadh a fhuair bàs ann an Sasainn le bhith a' toirt a chinn dheth. An dèidh sin thug an Crùn air falbh an oighreachd agus na tiotalan bhon teaghlach. <br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'The History of the Rise, Progress and Extinction of the Rebellion in Scotland in the years 1745 and 1746'