Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stuagh ann an gàradh Caisteal Inbhir Theòrsa
EXTERNAL ID
QZP40_26_P496
ÀITE
Caisteal Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30755
KEYWORDS
caistealan
aibhnichean
stuaghan
ballachan
togalaichean
ailtireachd
Archway in the grounds of Thurso Castle

Chaidh a' chiad Chaisteal a thogail ann an Inbhir Theòrsa ann an 1660. Thog Sir Tollemache Mac na Ceàrdaich caisteal ùr faisg air anns an 19mh linn. B' e cathair Mhic na Ceàrdaich à Ulbster a bh'anns a' chaisteal. Bha e air a thogail ann an stoidhle chateau Frangach faisg air a' chladach an ear air beul na h-aibhne. Aig àm an Dara Cogaidh spreadh mèinn-mhara faisg air a' chaisteal agus bha e cunnartach an dèidh sin. Chaidh an stuagh seo a thogail ann an 1665 agus tha an obair-chloiche air leth àlainn. Bha e ann an gàradh a' chaisteil a th'ann an-diugh.

Chithear an dealbh seo anns an 20mh leabhar de Chunntas Staitisteil de dh'Alba aig Sir Iain Mac na Ceàrdaich anns na 1790an. Rinn Sir Iain Mac na Ceàrdaich à Ulbster a' chiad a-mach à trì cunntasan stèidhichte air aithisgean mhionaideach o pharraistean. Bha e a' dèiligeadh ri iomadh cuspair, mar àiteachas, gnìomhachas, àireamh-shluaigh is eachdraidh nàdarra. Chaidh a' chiad cunntas staitisteil fhoillseachadh eadar 1791 is 1799. Lean an dara fear, no 'Cunntas Staitisteil Ùr', ann an 1834-1845, is chaidh an treas fear a dhèanamh san 20mh linn (1951-1992)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stuagh ann an gàradh Caisteal Inbhir Theòrsa

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

1790an

caistealan; aibhnichean; stuaghan; ballachan; togalaichean; ailtireachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Chaidh a' chiad Chaisteal a thogail ann an Inbhir Theòrsa ann an 1660. Thog Sir Tollemache Mac na Ceàrdaich caisteal ùr faisg air anns an 19mh linn. B' e cathair Mhic na Ceàrdaich à Ulbster a bh'anns a' chaisteal. Bha e air a thogail ann an stoidhle chateau Frangach faisg air a' chladach an ear air beul na h-aibhne. Aig àm an Dara Cogaidh spreadh mèinn-mhara faisg air a' chaisteal agus bha e cunnartach an dèidh sin. Chaidh an stuagh seo a thogail ann an 1665 agus tha an obair-chloiche air leth àlainn. Bha e ann an gàradh a' chaisteil a th'ann an-diugh.<br /> <br /> Chithear an dealbh seo anns an 20mh leabhar de Chunntas Staitisteil de dh'Alba aig Sir Iain Mac na Ceàrdaich anns na 1790an. Rinn Sir Iain Mac na Ceàrdaich à Ulbster a' chiad a-mach à trì cunntasan stèidhichte air aithisgean mhionaideach o pharraistean. Bha e a' dèiligeadh ri iomadh cuspair, mar àiteachas, gnìomhachas, àireamh-shluaigh is eachdraidh nàdarra. Chaidh a' chiad cunntas staitisteil fhoillseachadh eadar 1791 is 1799. Lean an dara fear, no 'Cunntas Staitisteil Ùr', ann an 1834-1845, is chaidh an treas fear a dhèanamh san 20mh linn (1951-1992)