Ùrachadh mu Dheireadh 09/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càrn-cuimhne de Harold, Iarla Ghallaibh
EXTERNAL ID
QZP40_26_P535
ÀITE
Tùr Harold
SGÌRE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30756
KEYWORDS
carraighean
iarlan
tobhtaichean
tobhta
uaighean
crùisle
cuimhneachain
Monument of Harold, Earl of Caithness

Chaidh an càrn-cuimhne seo do dh' Iarla Harold Ghallaibh a thogail le Sir Iain Mac na Ceàrdaich mu 1780-90. Bhàsaich Harold Òg ann am blàr aig Cnoc Chlairdon, faisg air Inbhir Theòrsa, a' feuchainn ri chuid-seilbh fhaighinn air ais on t-Seann Iarla Harold. 'S e ògha dhan Iarla Raonall a bh'ann a' Harold Òg, agus b' ann leis a bha eth de Ghallaibh, Arcaibh is Sealtainn.

Chaidh am blàr a chur air Cnoc Chlairdon ann an 1196, is thuit Harold Òg tràth sa chùis. Chaidh a thiodhlacadh faisg air an àite far an do bhàsaich e is chaidh caibeal a thogail an sin. An dèidh dhan chaibeal a dhol na thobhta, thog Sir Ian Mac na Ceàrdaich càrn-cuimhne, a tha na àite-tiodhlacaidh aig Mac na Ceàrdaich Ulbster cuideachd. Tha cumadh iongantach sia-taobhach air a' chàrn-cuimhne, le turaid anns gach ceàrn.

Chithear an dealbh seo anns an 20mh leabhar de Chunntas Staitisteil Alba le Sir Iain Mac na Ceàrdaich anns na 1790an. Rinn Sir Iain Mac na Ceàrdaich à Ulbster a' chiad chunntas de thrì stèidhichte air aithisgean mhionaideach o pharraistean. Bha e a' dèiligeadh ri iomadh cuspair, mar àiteachas, gnìomhachas, àireamh-sluaigh is eachdraidh nàdair. Chaidh a' chiad chunntas staitisteil fhoillseachadh eadar 1791 is 1799. Lean an dara fear, no 'A' Chunntas Staitisteil Ùr', ann an 1834-1845, is chaidh an treas fear a dhèanamh san 20mh linn (1951-1992)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càrn-cuimhne de Harold, Iarla Ghallaibh

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

1790an

carraighean; iarlan; tobhtaichean; tobhta; uaighean; crùisle; cuimhneachain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Chaidh an càrn-cuimhne seo do dh' Iarla Harold Ghallaibh a thogail le Sir Iain Mac na Ceàrdaich mu 1780-90. Bhàsaich Harold Òg ann am blàr aig Cnoc Chlairdon, faisg air Inbhir Theòrsa, a' feuchainn ri chuid-seilbh fhaighinn air ais on t-Seann Iarla Harold. 'S e ògha dhan Iarla Raonall a bh'ann a' Harold Òg, agus b' ann leis a bha eth de Ghallaibh, Arcaibh is Sealtainn.<br /> <br /> Chaidh am blàr a chur air Cnoc Chlairdon ann an 1196, is thuit Harold Òg tràth sa chùis. Chaidh a thiodhlacadh faisg air an àite far an do bhàsaich e is chaidh caibeal a thogail an sin. An dèidh dhan chaibeal a dhol na thobhta, thog Sir Ian Mac na Ceàrdaich càrn-cuimhne, a tha na àite-tiodhlacaidh aig Mac na Ceàrdaich Ulbster cuideachd. Tha cumadh iongantach sia-taobhach air a' chàrn-cuimhne, le turaid anns gach ceàrn.<br /> <br /> Chithear an dealbh seo anns an 20mh leabhar de Chunntas Staitisteil Alba le Sir Iain Mac na Ceàrdaich anns na 1790an. Rinn Sir Iain Mac na Ceàrdaich à Ulbster a' chiad chunntas de thrì stèidhichte air aithisgean mhionaideach o pharraistean. Bha e a' dèiligeadh ri iomadh cuspair, mar àiteachas, gnìomhachas, àireamh-sluaigh is eachdraidh nàdair. Chaidh a' chiad chunntas staitisteil fhoillseachadh eadar 1791 is 1799. Lean an dara fear, no 'A' Chunntas Staitisteil Ùr', ann an 1834-1845, is chaidh an treas fear a dhèanamh san 20mh linn (1951-1992)