Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lèir-sgrios Chamshronaich Ghleann Nibheis
EXTERNAL ID
QZP40_39_P223
ÀITE
Gleann Nibheis
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
DEIT
1898
CRUTHADAIR
William Lockhart Bogle
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30781
KEYWORDS
cinnidhean
connspaidean
Massacre of Glen Nevis Camerons

Bha connspaid cho fada 's cho fuilteach 's a bh' ann an eachdraidh na Gaidhealtachd eadar na Camhsronaich is na Catanaich. A rèir beul-aithris, bha MacSorlie, ceannard Chamshronaich Ghleann Nibheis anmoch sa 14mh linn, airson gum biodh sìth eadar an dà nàmhaid is dh'iarr e orra coinneachadh gus beachdachadh air cùmhnant sìth a dhèanamh. Bha an oidhche soirbheachail agus, an dèidh 'deoch an dorais', dh'iarr MacSorlie air a' phìobaire fonn a chluich do na h-aoighean. Ghabh an ceannard uabhas nuair a chluich e fonn cogaidh nan Camhsronach, 'Thigibh an seo, chlannaibh nan con, 's gheibh sibh feòil' - fìor oilbheum do na Catanaich, a dh'fhalbh a' bòideachadh dìoghaltas. Thill iad an oidhche sin fhèin is mhurt iad a' mhòrchuid de na Camhshronaich.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Loyal Lochaber. Historical Genealogical and Traditionary' le W Drummond Norie, Glaschu, 1898

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lèir-sgrios Chamshronaich Ghleann Nibheis

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

cinnidhean; connspaidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Bha connspaid cho fada 's cho fuilteach 's a bh' ann an eachdraidh na Gaidhealtachd eadar na Camhsronaich is na Catanaich. A rèir beul-aithris, bha MacSorlie, ceannard Chamshronaich Ghleann Nibheis anmoch sa 14mh linn, airson gum biodh sìth eadar an dà nàmhaid is dh'iarr e orra coinneachadh gus beachdachadh air cùmhnant sìth a dhèanamh. Bha an oidhche soirbheachail agus, an dèidh 'deoch an dorais', dh'iarr MacSorlie air a' phìobaire fonn a chluich do na h-aoighean. Ghabh an ceannard uabhas nuair a chluich e fonn cogaidh nan Camhsronach, 'Thigibh an seo, chlannaibh nan con, 's gheibh sibh feòil' - fìor oilbheum do na Catanaich, a dh'fhalbh a' bòideachadh dìoghaltas. Thill iad an oidhche sin fhèin is mhurt iad a' mhòrchuid de na Camhshronaich.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Loyal Lochaber. Historical Genealogical and Traditionary' le W Drummond Norie, Glaschu, 1898