Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mac Cailein Mòr
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P001
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30819
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhartaich
Murt Ghleann Comhann
Campbell of Argyll

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

B'e Sir Cailean Mòr Caimbeul, fear Loch Obha, a bha beò san 13mh linn, prìomh athair Caimbeulaich Earra-Ghàidheil. 'S e clann Duibhne ainm a' chinnidh a chionn 's gur ann o shliochd Dhiarmaid Ùi Duibhne a bha an Caimbeulach. Rinneadh Iarla de Chailean Mòr ann an 1280 agus mar thoradh air sin, b'e 'MacCailean Mòr' an tiotal a bh' air gach ceann-cinnidh a lean Sir Cailean.

Bha Sir Niall Caimbeul air taobh a' Bhrusaich ann an Cogaidhean na Saorsa agus thug an Rìgh Raibeart fearann, a bha e air toirt air falbh bho Dhiùc Athaill, dha mar duais. Phòs an Caimbeulach Màiri, piuthar a' Bhrusaich agus rinneadh Iarla Athaill de a mhac Iain. Rinneadh Iarla Earra-Ghàidheal de Chailean Caimbeul eile ann an 1457 agus chaidh a mhac Gilleasbaig, a bha na Àrd-sheansalair Mhorairean a mharbhadh aig Blàr Flodden ann an 1513.

Chaidh an 4mh Iarla na Pròstanach ach bha na Caimbeulaich fhathast dìleas do na Stiùbhartaich. Bha Gilleasbaig, an 5mh Iarla, an ceann arm na Banrigh Màiri aig Blàr Langside, ach bha a bhràthair Cailean a' sabaid air taobh nam feachdan a bha a' strì an aghaidh na Banrigh. Bha Gilleasbaig, an 10mh Iarla, an ceann an airm air an d'fhuair Iarla Hunndaidh is Errol buaidh ann an 1594. Bha a mhac na cheannard air na Cùmhnantaich. Rinneadh Marcais dheth ann an 1641 ach a dh' aindeoin a dhìlseachd, chaidh a dhì-cheannachadh ann an 1661. Chaidh a mhac Gilleasbaig a dhì-cheannachadh ann an 1685 airson a' phàirt a ghabh e ann an Ar-a-mach Mhonmouth. Bha taic Ghilleasbaig, an 10mh Iarla Earra-Ghàidheail ri Uilleam Orange. Rinneadh Diùc dheth mar thoradh air seo.

Tha na Caimbeulaich mi-cliuiteach fhathast airson murt Ghleann Comhann, far an do mhuirt iad 38 Dòmhnallaich ann an 1692. Bha ainm aig na Caimbeuliach airson an dìlseachd don Riaghaltas an dà chuid sna meadhan aoisean nuair a chur iad an aghaidh Tighearnas nan Eilean, agus nas fhaide air adhart nuair a chuir iad an aghaidh ar-a-mach nan Seumasach. Thugadh tòrr fearainn dhaibh mar duais airson an dìlseachd agus bha cha mhòr 1.25 millean acair aca san 19mh linn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mac Cailein Mòr

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhartaich; Murt Ghleann Comhann

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands