Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mac an Aba
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P003
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30821
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhartaich
MacNab

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Tha Clann an Aba na meur de Sìol Alilpein. 'S ann o shliochd abachan Ghleann Dochard a tha Clann an Aba agus 's ann an sin a bha tìr a' chinnidh fad iomadh linn. Bha iad càirdeil ri an nàbaidhean, Clan MhicDhùghaill, agus shabaid iad còmhla ris na Dùghallaich agus na Cuimeanaich an aghaidh Raibeirt Bhrus. Chaill iad tòrr den fhearann aca mar thoradh air seo. A dh'aindeoin seo, ge-tà, fhuair Gillebrìghde Mac an Aba còir-sgrìobhte air a fhearainn, Baranachd Bhoth Mheadhain, bho mhac a' Bhrusaich, Rìgh Dàibhidh II ann an 1336.

Chuir Fionnlagh, an 4mh ceann-cinnidh ri fearann a' chinnidh faisg air deireadh an 15mh linn, ach bha aig Fionnlagh, an 6mh ceann-cinnidh ri morgaidse fhaighinn bho Mac Chailein Mhic Dhonnchaidh air tòrr den fhearann aige. Shoidhnig Fionnlagh, an 7mh ceann-cinnidh cùmhnant ùmhlachd le a cho-ogha Lachlann MacFhionghain, fear Shrath Ardail, a mhìnich gun robh an aon sinnsearachd aca. Thòisich an ceann-cinnidh seo connsachadh marbhtach le Clann MhicAonghais (no MhicNaois).

Bha Clann an Aba air taobh nan Stiùbhartach aig àm a' Chogaidh Shìobhalta fo an ceannard Iain Mion agus shabaid iad fo Mhon Rois. Chaill iad am fearann do na Caimbeulaich aig an àm sin, ach fhuair iad cuid dheth air ais às dèidh Aisig na monarcachd ann an 1660. Bha an cinneadh air taobh nan Seumasach rè nan ar-a-mach Seumasach ach bha an 15mh ceann-cinnidh na Mhaidsear ann an arm nan Hanòbharach agus chaidh a ghlacadh aig Blàr Phrestonpans ann an 1745.

B'e Francis, an 12mh ceann-cinnidh, fear de na cinn-cinnidh a bu bheothaile aig Clann an Aba agus rinn Sir Eanraig Raeburn dealbh ainmeil dheth aig tòiseach an 19mh linn. Bha fiachan mòra air nuair a chaochail e ann an 1816 agus cha robh oighre dìreach aige

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mac an Aba

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhartaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands