Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Greumach
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P004
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30822
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Seumasaich
Graham (or Graeme)

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Tha seann-sgeul ann gur e Greumach a bhris tron Bhalla Antonach, am balla Ròmanach a tha a ruith o thaobh gu taobh na h-Alba, an tòiseach. Air an adhbhar seo, tha an t-ainm 'Graeme's Dyke' air a' bhalla. Tha e nas cinntiche gu bheil sliochd 'nan Greumach Gallanta' a' dol air ais don 12mh linn nuair a thug an Rìgh Dàibhidh I talamh Obar Chùirnidh is Dhàil Chè do Uilleam Greumach.

Bha ceann-cinnidh nan Greumach a' toirt taic dhìleas don iomairt airson saorsa do dh'Alba. Bhathar ag ràdh gur b'e 'làmh dheas' Uilleim Uallais a bh' ann an Sir Iain Greumach, fear Dundaff, a chaidh a mharbhadh aig Blàr na h-Eaglais Brice ann an 1298. Rinn Seumas IV Iarla Mhon Rois den treas Iarla Greumach ann an 1504. Chaochail an t-Iarla aig Blàr Flodden ann an 1513. Rinneadh Marcais Mhon Rois den 5mh Iarla ann an 1644 agus choisinn e cliù mar an seanalair a bha os cionn taobh Thearlaich I ann an Alba aig àm a' Chogaidh Shiobhalta.

Bha saighdear ainmeil eile o shliochd teaghlach Mhon Rois: Iain Greumach, fear Chlaverhouse, Biocas Dhùn Dè. Rè a chòmraig an aghaidh nan Cùmhnantach, bha 'Bonnie Dundee' aig a' chàirdean air ach bha 'Bloody Clavers' aig a nàmhaidean air. Fhuair arm de Ghàidheil Sheumasach fo stiùir Chlaverhouse buaidh air feachdan Uilleim Orange aig Blàr Raon Ruairidh ann an 1689, ach chaidh Claverhouse fhèin a mharbhadh fhad 's a bha e an ceann na h-ionnsaigh.

Chaidh Seumas, an 4mh Marcas àrdachadh ann an 1707 mar Diùc Mhon Rois. 'S ann mar thoradh air oidhirpean a' Mharcais Ghreumaich, treas Diùc Mhon Rois, a chaidh Achd Toirmeasg an Èididh Ghàidhealaich ais-ghairm ann an 1782

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Greumach

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands