Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacArtair
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P006
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30824
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
MacArthur

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Tha eachdraidh air leth fada aig Clann MhicArtair mar a chithear bhon t-seanfhacal "Chan eil dad nas sine, ach na beanntan, MacArtair agus an Diabhall'. Tha cuid den bheachd gur e Clann MhicArtair am meur as sine de Chlann Chaimbeil, aig an robh an ceannas-cinnidh gus an 15mh linn.

Thug na h-Artaraich taic don Bhrusach agus thug e dhaibh fearann ann an Earra-Ghàidheal, a bha e air toirt bho na Dùghallaich, mar duais cho math ri Caipteineachd Caisteal Dhùn Stafhainis. Bha an cinneadh cumhachdach gu 1427 nuair a dhì-cheannaich an Rìgh, Seumas I, an ceann-cinnidh, Iain MacArtair, agus grunn daoine eile airson a ùghdarras a dhearbhadh. Lughdaich cumhachd a' chinnidh às dèidh sin. Dh'fhàs na Caimbeulaich na bu chumhachdaich agus fhuair iad an ceannas-cinnidh dhaibh fhèin.

Bha fearann aig na h-Artaraich ri taobh Loch Obha agus ann an Gleann Dochard is Gleann Falach. Bha fearann aig Artaraich Phroaig ann an Ilè cuideachd. Bha Artaraich Ilè nam pìobairean agus nan armadairean do Dhòmhnallaich Ilè, agus do theaghlach eile san Eilean Sgitheanach, a bha air ionnsachadh bho theaghlach MhicCruimein, pìobairean dùthchasach do Dhòmhnallaich nan Eilean.
Rinn iomadh Artarach imrich à Alba anns na bliadhnaichean às dèidh Chùil Lodair. Ann an 1790, chaidh an Còrnaileir Iain MacArtair à teaghlach Shrath Chura do New South Wales leis an 102mh Rèisimeid far an tug e a-steach caoraich is far an do stèidhich e gnìomhas clòimh Astràilia. Bha e fhèin agus a dhà mhac cudromach ann an stèidheachadh gnìomhachas an fhìona ann an Astràilia cuideachd. Chaidh Artarach eile a dh'Ameireagaidh. B'e a ogha an Seanalair Dùbhghlas MacArtair, ceannard a' Chuain Shèimh rè an Dàrna Cogaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacArtair

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands