Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ròs
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P008
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30826
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Rose

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Dh'fhaoidte gur ann o shliochd Normanach a tha na Ròsaich (Roses). Tha fios le cinnt againn, ge-tà, gun d'fhuair iad talamh ann an sgìre Narann anns an 12mh linn. Ann an 1219, bha Uisdean Ròs, fear Gheadais na neach-fianais aig soidhnigeadh cairt stèidhichidh Abaid na Manachainn. Fhuair a mhac, Uisdean, fearann Chill Rathaig tro phòsadh agus thug e an t-ainm Ròs Chill Rathaig air fhèin. Chaidh cairtean is clàran an teaghlaich a sgrios nuair a chaidh Àrd Eaglais Eilginn a losgadh le Madadh Bhàideanaich, ach fhuair Iain Ròs, fear Chill Rathaig, cairt-sgrìobhte ùr airson fearainn a' chinnidh. Thog a mhac Uisdean an seann tùr ann an Cill Rathaig ann an 1460 agus rinneadh Baranachd de Chill Rathaig ann an 1474.

Bha cùrsa-beatha cliùiteach aig Uisdean, 10mh fear Chill Rathaig, a chaidh a ghlacadh aig Blàr Phinkie ann an 1547 agus aig an robh dreuchdan mar Mhaor ann an Caisteal Inbhir Nis agus mar prìomh-shiorram ann an Inbhir Nis. Bha e a' fuireach gu sìtheil le a nàbaidhean, ged is e àm gu math buaireasach ann an eachdraidh na h-Alba a bh'ann agus chaochail e ann an 1597 aig aois ceithir fichead agus a seachd deug.

Bha na Ròsaich air taobh an ath-leasachaidh agus bha iad taiceil do na Cùmhnantaich. Bha iad dìleas don Riaghaltas rè nan ar-a-mach Seumasach. Ged a thadhail am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart air Cill Rathaig goirid ro Bhlàr Chùil Lodair, cha robh teagamh sam bith ann mu dhìlseachd a' chinnidh don Riaghaltas. Bhòt Uisdean, 15mh fear Chill Rathaig, an aghaidh Aonadh 1707 ach a dh'aindeoin seo, bha e air aon de na choimiseanairean a riochdaich Alba anns a' chiad Phàrlamaid Bhreatannaich.

Bha cùrsa-beatha cliùiteach aig an Fho-cheannard Chòrnaileir Uisdean Ròs, 24mh Bàran Chill Rathaig. Nuair a chaochail e ann an 1946, chaidh a leantainn le a nighean, a tha fhathast a' fuireach ann an Caisteal Cill Rathaig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ròs

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands