Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sutharlanach
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P009
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30827
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Sutherland

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus ceud bliadhna Ar-a-mach nan Seumasach 1745 a chomharrachadh. Bha na dealbhan le Raibeart R MacIain.

Tha na Sutharlanaich a' faighinn an ainm bhon sgìre san robh iad a' fuireach, Sudrland no an tìr mu dheas aig na Lochlannaich. Thathar am beachd gun tàinig Iarlan Chataibh às an Òlainnd bho thùs agus gum b' iad sliochd Fhreskin, on tàinig Clann nam Moireach. Canar gun tugadh Iarlachd Chataibh do dh' ogha Fhreskin, Uilleam, ann an 1235.

Bha Uilleam, 2ra Iarla Chataibh, a' sabaid dhan Bhrusach aig Blàr Allt a' Bhonnaich ann an 1314 agus chuir e ainm ri Cùmhnant Neo-eisimeileachd Obar Bhrothaig sia bliadhna an dèidh sin. Chaidh a mhac, Coinneach, an treas Iarla, a mharbhadh aig Beinn Halidon ann an 1333 a' sabaid an aghaidh nan Sasannach. Phòs Uilleam, an 4mh Iarla, nighean le Raibeart Brus agus bha am macsan na oighre air a' chrùn ach ach bhàsaich e leis a' phlàigh. B' e Raibeart, an 6mh Iarla, a thog Caisteal Dhùn Robain, cathair-cinnidh nan Sutharlanach, o thùs.

Ann an 1514 chaochail Iain, an 9mh iarla, gun oighre fireann agus chaidh an tiotal gu a phiuthar, Ealasaid, bana-dhiùc Chataibh. B' e Àdhamh Gòrdanach à A-Beidh a bha pòsta aice. Bha Sutharlanaich Ghòrdain an sàs san aon chòmhstri eadar na cinnidhean 's a bha an sinnsirean, gu h-àraidh ri Clann Mhic na Clèirich agus Clann MhicAoidh. Chaidh an t-11mh Iarla a phuinnseanachadh le Iseabail Nic na Clèirich, air òrdugh Iarla Chataibh. Thug na Sutharlanaich taic do thaobh Hanobhar ann an ar-a-mach 1715 agus 1745.

Chaochail Uilleam, an t-18mh Iarla, ann an 1766. B' esam am fear mu dheireadh dhe na h-Iarlan Gòrdanach ann an Cataibh. Phòs an nighean aige, Ealasaid, Bana-dhiùc Chataibh, Marcais Stafford. Chaidh esan a dhèanamh mar a' 1d Dhiùc Chataibh ann an 1833. Bha e ainmeil mar leasaiche dealasach. Bha e dhen bheachd gun robh am fearann a-staigh air an dùthaich ann an Cataibh ro bhochd airson an luchd-màil a chumail suas sa cheann fhada. Mar sin, thòisich e gan ath-shuidheachadh ris a' chladach agus chuir e caoraich nan àite. Bha na bàillidhean aige borb agus gun tròcair nuair a bha iad a' gluasad nan daoine. Mar thoradh air an seo, chaidh mòran de mhuinntir Chataibh a-null thairis.

Bha Caisteal Dhùn Robain ann an stoidhle Albannach o ths ach dh' atharraich an 2ra Diùc e gu château Frangach. Buinidh e do theaghlach nan Sutharlanach chun an latha an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sutharlanach

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands