Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuimeineach
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P010
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30828
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Cumin/Cumming

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Bidh na Cuimeanaich a' cumail a-mach gur iad sliochd fir-uasail Nòrmanaich air an robh Comyn, a bha air ainmeachadh, tha e coltach, air baile Comines anns an Fhraing a tuath. Bha Cuimeanaich ann an Northumberland anns an 12na agus san 13mh linn. Thathar a' smaoineachadh gun tàinig aon dhiubh sin tuath a dh'Alba agus gun d' fhuair e fearann ann an siorrachd Rosbrog, far a bheil lorg air aon Chuimeanach a bhith tuinichte ri linn Dhaibhidh 1. Rinneadh e na Sheansalair air Alba ann an 1133.

Phòs fear na b' anmoiche de shliochd Chomyn Ban-iarla Bhuchain ann an 1210 agus chaidh e na Iarla Bhuchain. Chaidh a mhac na Iarla Thèadhaich agus fhuair e Iarlachd Bhàideanaich. Aon fhear a bha iomraiteach anns a' chinneadh seo b' e 'An Cuimein Dubh' a bha air aon den t-sianar luchd-dìona air Alba air feadh neo-inbheachd Maighdinn Nirribhidh, agus a bha a-rithist a' cothachadh airson rìgh-chathair na h-Alba. Phòs e piuthar Iain Balliol agus b' e An Cuimein Ruadh a bh' air am mac Iain. Thug Iain seo taic do Bhalliol an aghaidh Raibeirt Bhruis agus chaidh a shàthadh gu bàs le Brus ann an eaglais ann an Dùn Phris ann an 1306. Nuair a rinneadh Raibeart Brus na rìgh air an ath mhìos, thug e duaisean dha chàirdean ach chuir e sìos air a nàimhdean agus chaill na Cuimeanaich an cuid fearainn agus thiotalan. Fhuair meur den chinneadh Alltar ann am Moireibh ged-tà agus thàinig Cuimeanaich Alltair gu bhith ann am prìomhachas sa chinneadh.

Ann an 1657 phòs Raibeart Cuimeanach Alltair Lucy, nighean Shir Ludovick Ghòrdain Bhaile Ghòrdain, agus nuair a chaochail an Sir Uilleam Gòrdan Bhaile Ghòrdain mu dheireadh còrr is ceud bliadhna an dèidh sin, ghabh Alasdair Cuimeanach Alltair ainm agus suaicheantas Gòrdan Bhaile Ghòrdain agus rinneadh e na bheag-ridire ann an 1804. Ghabh ginealaich an dèidh sin an t-ainm Gòrdan-Cuimeanach"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuimeineach

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands