Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clann Dòmhnaill na Ceapaich
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P011
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30829
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacDonald of Keppoch

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Gu tric 's e MacDonell a' Bheurla a th' air Clann Dòmhnaill na Ceapaich agus Garragaich agus canar Clann Raghnaill Loch Abar riutha. Tha iad de shliochd Alasdair Charraich, an 3mh mac aig Iain, Triath nan Eilean. Chaidh arfuntachadh air sgàth 's gun do ghabh e pàirt ann an ar-a-mach Dhòmhnaill Bhealaich ann an 1431 agus chaidh a' mhòr-chuid den fhearann aige gu Mac an Tòisich, ceann-cinnidh Cloinn Chatain, rud a dh'adhbharaich connsachadh fada eadar an dà chinneadh. B' ann air Raghnall, an ceathramh fear de shliochd Alasdair Charraich, a chaidh an cinneadh ainmeachadh mar 'Clann Raghnaill Loch Abar'.

Chaidh Iain, 4mh den Cheapaich, a chur às a dhreuchd leis a' chinneadh air sgàth 's gun tug e seachad fear-cinnidh gu ceann-cinnidh Cloinn an Tòisich. Na dhèidh thàinig a cho-ogha, Dòmhnall Glas, agus chaidh a mhac-san, Raghnall, a chur gu bàs airson mòr-thraoidhtearachd còmhla ri Camshron Loch Iall.
Bha Raghnall, 9mh den Cheapaich fon choill airson a' mhòr-chuid dhe bheatha. Chaidh Alasdair, an 12na ceann-cinnidh, agus a bhràthair a mhurt le chèile ann an 1633, gnìomh a th' air a chomharrachadh aig Tobair nan Ceann, faisg air Inbhir Garadh. Seo far an deach cinn an t-seachdnar mhurtair a nighe mus deach an toirt do Mhorair Dòmhnallach Inbhir Garadh.

Chaidh an cath mu dheireadh eadar cinnidhean air Ghàidhealtachd a chur aig Maol Ruadh ann an 1688; b' e an connsachadh eadar Clann Raghnaill Loch Abar agus Clann an Tòisich timcheall air an fhearann air an robh Clann Raghnaill ann an Loch Abar a b' adhbhar dha. Theirte 'Colla nam Bà' ri Colla, 15mh den Cheapaich, 's dòcha air sgàth 's gun do chuir e ruaig air uimhir de chrodh Cloinn an Tòisich. Bha e a' sabaid airson a' Phrionnsa Theàrlaich aig Sliabh an t-Siorraidh ann an 1715 agus thug a mhac Alasdair taic do na Stiùbhartaich ann an 1745. B' e buidheann beag de Chlann Dòmhnaill na Ceapaich a thug a' chiad bhuille às leth a' Phrionnsa Theàrlaich nuair a stad iad saighdearan an riaghaltais san t-slighe 's iad ag ullachadh ionnsaigh obann air na bha cruinnichte ann an Gleann Fhionghain. Chaidh Alasdair fhèin a mharbhadh aig Cùil Lodair. Chaochail ceann-cinnidh mu dheireadh na Ceapaich a bha san loidhne dhìrich ann an 1889"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clann Dòmhnaill na Ceapaich

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands